Seall ris an duilleig seo airson naidheachdan mu chothroman maoineachaidh, còmhnaidheachdan, cothroman obrach agus co-obrachaidhean.
Cuideachd, ma tha suidheachadh agad a tha thu airson a roinn, no beachd air a bheil thu airson obrachadh còmhla ri cuideigin, cuir fios thugainn….tha co-obrachadh math!
-
Cothroman Obrach
Cothroman Obrach
-

Cothroman Maoineachaidh
Cothroman Maoineachaidh.
MG ALBA: PANNAL LUCHD-COIMHEAD
THOIR SEACHAD DO BHEACHD AIR AN T-SIANAIL ÙR GÀIDHLIG
Leis an t-Seirbheis Didseatach Gàidhlig ùr (MG Alba) ga chur air bhog anns an t-Sultain, tha e riatanach gum bi cothrom aig coimhearsnachd Ghàidhlig na dùthcha breith is beachd a thoirt air an stuth a thèid a chraoladh air an t-sianail ùr.
Tha sinn a’ toirt cuireadh do neach sam bith a tha fuireach ann an Alba, a tha nas sine na sia bliadhna deug agus aig a bheil ìre de fhileantachd ann an Gàidhlig a bhith air Pannal de luchd-coimhead telebhisein. Mar phàirt den phannal bidh e an urra ri gach neach am beachdan mu phrògraman a lìbhrigeadh tro leabhar-latha air-loidhne gach seachdain.
Thèid ainmeanan luchd compàirt cunabhalach a chur air adhart gach mìos airson cothrom fhaighinn air duais luach £100.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu obair a’ phannail cuiribh post-dealain gu leirsinn@smo.uhi.ac.uk
Tha sinn a’ coimhead air adhart ri na beachdan agaibh-se mun t-Seirbheis ùr.
Ionad Rannsachaidh Lèirsinn
Sabhal Mòr Ostaig
An t-Iuchar 2008