Taic Freumhan Coimhearsnachd
Tha Bòrd na Gàidhlig a' toirt cothruim às ùr do bhuidhnean taic-airgid fhaighinn airson pròiseactan a tha a' neartachadh na Gàidhlig anns a' choimhearsnachd, airson cuideachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig a chur an gnìomh. Tha maoin Taic Freumhan Coimhearsnachd fosgailte airson iarrtasan bho bhuidhnean air feadh Alba airson pròiseactan ùr-ghnathach a chur air adhart a bheir fàs air cleachdadh na Gàidhlig agus a neartaicheas misneachd sa chànan gu h-ionadail.
Cleachdaidh Bòrd na Gàidhlig a' mhaoin seo gus taic a chur ri pròiseactan a tha cuimsichte air a’ choimhearsnachd agus a bhios:
- a' neartachadh togail agus cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh, no
- a’ neartachadh togail agus cleachdadh na Gàidhlig am measg na h-òigridh, no
- a’ neartachadh togail agus cleachdadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd
Tha Taic Freumhan Coimhearsnachd fosgailte ri iarrtasan bho bhuidhnean coimhearsnachd, buidhnean saor-thoileach, gnothachasan beaga agus buidhnean eile a tha ag iarraidh gnìomhachdan Gàidhlig a bhrosnachadh ann an coimhearsnachdan no lìonra.
Tha cothrom aig buidhnean iarraidh taic thairis air dà bhliadhna.
'S e 12 Ògmhios 2009 an latha mu dheireadh airson iarrtasan a chur a-steach am-bliadhna.
Airson tuilleadh fiosrachaidh thoir sùil air www.bord-na-gaidhlig.org.uk, cuir fòn gu 01463 225454 no cuir post-d gu tabhartas@bng.org.uk