Coimhearsnachd

Air 24mh Dàmhair 2008 chaidh cuirm-mholaidh a chumail do aon de na cleasaichean a b’fheàrr a bh’ air Ghàidhealtachd, Sìm MacCoinnich nach maireann. Bha a’ chuirm loma-làn mar chuimhneachan air Sìm ach cuideachd na tòiseachadh air Urras Shìm MhicCoinnich, a th’ air a stèidheachadh airson taic a thoirt do chleasaichean òga Gàidhlig .

Bha an oidhche na cuimhneachan tiamhaidh, ach cha robh i ro mhaoth-inntinneach. Bha luchd-ciùil leithid Jenna Chuimeanaich, Alyth NicCarmaig , Iseabail NicAsgaill agus Harry Nicoll a’ seinn òrain agus a’ toirt an iomradh fhèin air Sìm – bha iomadh sgeulachd ann a dh’fhoillsich cho càirdeil is cho foighidneach ‘s a bha Sìm.

A thuilleadh air ceòl, bha bàrdachd is dràma ann, agus rudan èibhinn a thug deòir gàireachdainn gu ar sùilean.

B’ e oidhche mhìorbhaileach a bh’ ann agus cuimhneachan freagarrach – a’ chiad chuimhneachan de mhòran a tha gu bhith a’ gabhail àite thairis air an dà bhliadhna a tha romhainn gus airgead a chruinneachadh dhan urras. Seach nach eil gainnead luchd-cluiche ann a tha deònach is comasach an tàlantan fhoillseachadh ann an ainm Shìm faodar a bhith cinnteach à iomadh cuirm mhaoineachaidh san àm ri teachd.

Leugh lèirmheas Fiona NicChoinnich mun oidhche aig Hi-Arts