Ceilear! Leasachadh Sgilean
Fhuair a’ phròiseact seo maoineachadh de £3,500 bho GASD bho iall na Còmhnaidheachd.
Eachdraidh
Tha a’ phròiseact ag amas air ath-nuadhachadh de sheinn chòmhlan Ghàidhlig inbheach a thoirt mu chuairt ann an sgìre Loch Abair. Bha an neach-ciùil is an t-seinneadair ionadail, Màiri Anna NicUalraig, ag obair còmhla ri buidhnean coimhearsnachd bhaile airson daoine gun Ghàidhlig is luchd-ionnsachaidh a thàladh agus a bhrosnachadh gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh tro bhith a’ seinn.
Tha a’ phròiseact a’ gabhail àite ann an dà bhaile gu math eadar-dhealaichte, Ath Tharracail, aon de na bailtean Gàidhlig a th’ air fhàgail ann an Loch Abar, agus Baile a’ Chaolais, àite far an robh a’ Ghàidhlig aig aon àm, ged nach eil i ann an-diugh agus anns a bheil mòran den luchd-còmhnaidh na h-aghaidh. Ach tha na buidhnean seinn air làrach bheòthail a chruthachadh dhan cheòl is dhan chànan san dà choimhearsnachd agus tha faireachdainn ann, mu dheireadh thall, gu bheil a’ phròiseact gu bhith maireannach. Nach mòr an euchd sin dha pròiseact a chaidh a chruthachadh gu tur às ùr.
A’ phròiseact
Tha a’ phròiseact, Ceilear, air a bhith a’ ruith a-nis gach dara cola-deug ann an Ach Tharracail is am Baile a’ Chaolais bhon Fhaoilleach 2007, agus gluais i gu coinneamhan seachdaineach anns gach baile sa Ghiblean 2007. Tha timcheall air 32 com-pàirtiche làn-ùine ann le mu 20 eile a bhios a’ gabhail pàirt bho àm gu àm. Tha buill a’ gabhail a-steach fileantaich, luchd-ionnsachaidh is daoine gun Ghàidhlig idir, le measgachadh de dhaoine aig a bheil ùidh ann an ceòl a-mhàin gu pàrantan cloinne a th’ ann an Cròileagain no am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha feallsanachd na pròiseict in-ghabhalach, ach tè a tha a’ ceadachadh cleachdadh na Gàidhlig bho ìre còmhraidh, no le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil an luchd-com-pàirt a’ tuigsinn facail is eachdraidh nan òran agus a’ fàs eòlach air abairtean is facail bunaiteach.
A’ Bhuaidh:
Òrain Ghàidhlig a’ tilleadh a Loch Abar an dèidh ùine mhòr, a’ neartachadh ùidh is ullachadh ann an Ach Tharracail a thaobh inbhich a bhith a’ com-pàirteachadh. Pròiseact dha inbhich ga thabhann san dà sgìre. Thàinig buannachd ris nach robh dùil às nuair a chaidh Còisir Dùthchail Gàidhlig, a ghabh pàirt sa Mhòd am-bliadhna, is a thug làthaireachd inbhidh dha Loch Abar, a chruthachadh. Aithne mun chànan ga thoirt dha com-pàirtichean is luchd-èisteachd gun Ghàidhlig, a thuilleadh air cothrom dha luchd-ionnsachaidh is fileantaich an cànan a chleachdadh gu cunbhalach.