Coimhearsnachd

Download Case Study

Cùis Sgrùdaidh Leasachadh Luchd-Amais

Hiort: Opara Eòrpach

An t-Ògmhios 2007

Eachdraidh

Hiort : Bhrosnaich beatha muinntir Hiort Opara Eòrpach Bha an opara na:

  • thar-mheadhan, dhràma-ciùil agus thaisbeanadh fhilme a’ cleachdadh foillseachadh beò, tilgeadh-fhilm ro-chlàraichte agus le ceanglaichean beò ri Hiort
  • rannsachadh air àite Hiort nar co-chuimhne Eòrpach
  • phrìomh cho-thaisbeanadh eadar-nàiseanta ga fhoillseachadh air 22 agus 23 Ògmhios 2007 ann an còig ionadan Eòrpach aig an aon àm (an taisbeanadh Albannach ann an Studio Alba, Steòrnabhagh)
  • thachartas sònraichte le na sia ionadan ceangailte tro cheangal beò saideil ri Hiort.

Chaidh a’ Phròiseact a chur air chois le co-bhanntachd thar-nàiseanta de chòig com-pàirtichean

  • B’ e Pròiseact Nan Ealan a’ phrìomh bhuidheann le uallach iomlan airson na Pròiseict agus na Àrd Fhoillsichear airson taobhan Albannach is Hiortach an taisbeanaidh
  • B’ e Lew Bogdan, Stiùiriche Le Phenix ann an Valenciennes, san Fhraing an t-Àrd Fhoillsichear Eòrpach
  • Chaidh dreachan den taisbeanadh fhoillseachadh aig an aon àm ann an còig àiteachan, san Fhraing (Valenciennes), sa Bheilg (Mons), sa Ghearmailt (Düsseldorf), san Ostair (Hallstatt) agus an Alba (Steòrnabhagh).

Amasan

  • Dèanamh cinnteach gu bheil sluagh an àite a’ faireachdainn ceangal ris a’ phròiseict /an tachartas (an taisbeanadh Albannach)
  • Dèanamh cinnteach gu bheil cìs theaghlaichean reusanta (an taisbeanadh Albannach)
  • Dèanamh cinnteach gu bheil fosgailteachd gu leòr aig an tachartas bheò
  • Leasachadh luchd-amais ùr dha na h-Ealain Ghàidhlig

Ro-innleachd is Seòl-obrach

  • Tachartasan seachdain Hiort gan co-òrdanachadh tro Alba gus aire a thogail agus cothrom a thoirt dha na ghabhas de dhaoine eòlas fhaighinn mun phròiseict.
  • Sgèile prìseachaidh fiarach gus cothrom a thoirt dhan phròiseict a bhith na prìomh tachartas aig prìs iomchaidh ach airson dèanamh cinnteach nach cuireadh a’ phrìs casg air neach sam bith a bha airson eòlas mun phròiseact fhaighinn.
  • Foillseachadh-lìn beò den taisbeanadh gus cothrom a thoirt do dhaoine air feadh an t-saoghail an taisbeanadh fhaicinn beò air an eadarlìon no fhaicinn a-rithist tron t-seachdain.
  • Iomairt-lìn eadar-lìn airson luchd-frithealaidh ùr a bhrosnachadh.

Builean

Tachartasan Seachdain Hiort

Dràma Sràide –Faoileagan–Chaidh dà fhaoileag de mheud duine a chleachdadh mar chleas sanasachd airson seachdain Hiort a chur air bhog. Bha 2 bhall de sgioba Hiort nan cois is thug seo cothrom dhaibh bruidhinn ri daoine air na sràidean mun phròiseict agus bileagan mun taisbeanadh beò agus mu thachartasan taice eile a thoirt seachad. Thug e cothrom dhan phròiseict ruighinn air sgaoilteach fharsaing de dhaoine ann an Steòrnabhagh – chan e luchd-frithealaidh thachartasan ealain a-mhàin – agus beagan brosnachaidh mun phròiseict a chruthachadh, gu h-àraidh am measg dhaoine òga. Chunnaic mu 1000 neach na faoileagan air an t-16mhÒgmhios.

Bùthan-obrach agus Dràma Òigridh – Chùm Artair Donald bùthan-obrach dha sgoiltean agus daoine òga san Lanntair. Chruthaich buidhnean sgoiltean obair stèidhichte air Hiort a’ cleachdadh ceòl, òrain, gluasad is dràma. Thug seo cothrom dhan phròiseict luchd-amais nas òige a ruighinn –thàinig còrr air 70 duine cloinne gu na bùthan-obrach. Chaidh bùth-obrach stiùiriche a chumail cuideachd aig an stiùidio – a’ toirt cothrom dha neach sam bith aig an robh ùidh sa leithid bruidhinn ris an stiùiriche, cuid den ruith-thairis fhaicinn agus an t-seat fhaicinn.

Bha cuid de bhuill Dràma na h-Òigridh ag obair còmhla ri Artair cuideachd tron t-seachdain, a’ cruthachadh pìos de dhràma sràide stèidhichte air Hiort a chaidh an uairsin a shealltainn ann am meadhan a’ bhaile dà uair san latha. Chunnaic mu 130 neach an dràma sràide ann an Steòrnabhagh, a-rithist a’ tàladh luchd-amais nach àbhaist a bhith a’ tighinn gu dràma agus a’ togail aire mun taisbeanadh bheò.

Foillseachadh-lìn – Chaidh taisbeanadh oidhche Haoine fhilmeadh agus fhoillseachadh air an eadarlìon le còrr air 1000 neach-amhairc a’ coimhead air-loidhne tron BhBC – a-rithist a’ leudachadh ruigsinneachd na pròiseict. Chunnaic 2400 neach eile an taisbeanadh air-loidhne tron ath sheachdain. Chaidh an dreach fhilmichte cuideachd a chur gu ionadan air feadh Alba airson a shealltainn air oidhche Shathairne, a’ gabhail a-steach An Lanntair – a-rithist a’ ruighinn air luchd-amais ann an Alba fhad ‘s a bha an dreach-lìn a’ ruighinn air feadh an t-saoghail.

Bha tachartasan eile a’ gabhail a-steach òraidean, tachartasan leabhraichean, filmean agus taisbeanadh – iad uile a’ toirt a-steach tuilleadh luchd-amais. Gu h-iomlan, thug tachartasan taiceil cothrom dha 2525 neach a bharrachd ann an Steòrnabhagh an taisbeanadh a mhealtainn – a’ meudachadh luchd-amais ann an Alba Scotland 5 uairean.

Tiocaidean

Gus dèanamh cinnteach gun robh a’ cheart uimhir de shluagh ionadail san èisteachd ‘s a bh’ ann de dhaoine a shiubhail chun tachartais, chaidh tiocaidean early bird a thabhainn dha sluagh nan Eilean Siar, a-rithist a’ toirt faireachdainn dhaibh gun robh seilbh aca den tachartas. Bha seo soirbheachail agus ghabh àireamh mhòr brath air seo. De na fhritheal, bha 61% à Leòdhas.

Bha prìsean fiarach cuideachd agus chaidh lasachaidhean a thabhann. Seach gun robh a’ phrìs àrd chaidh ro-shealladh gu math saor a thabhann air oidhche Dhiardaoin gus cothrom a thoirt dha neach sam bith nach ruigeadh air an làn phrìs, an taisbeanadh fhaicinn ro dhuine sam bith eile. Bha cothrom ann cuideachd an fhoillseachadh-lìn fhaicinn san Lanntair airson £5.

Iomairt Lìn

Chunnaic còrr air 4000 neach seallaidhean bhidio tro Youtube, Myspace agus chaidh duilleagan Flickr a chur air chois gus luchd-amais ùr a ruighinn tro na làraich-lìn shòisealta sin.

Bhon Ghiblean gun Lùnastal 2007 thadhail 10336 neach sònraichte air an làraich-lìn, agus sheall iad ri 58, 719 duilleagan gu h-iomlan. Dhiubh sin bha mu 69% ùr chun làraich, a’ tighinn sa mhòr-chuid bho lorgairean-lìn leithid google, làrach-lìn a’ BhBC, agus bho mholaidhean a thuilleadh air luchd-tadhail dìreach. Aig an àm seo b’ ann bhon Roinn Eòrpa a bha a’ mhòr-chuid de luchd-tadhail ach bha cuideachd 629 ann bhon dà Ameireaga, 182 à Oceana, 49 à Àisia agus 30 à Afraga – a’ sealltainn na h-ùidh a bha sa phròiseict air feadh an t-saoghail agus mar a bha an làrach-lìn ga cleachdadh gu h-eadar-nàiseanta.

Luchd-amais ùr

B’ e taisbeanadh gu tur Gàidhlig a bh’ ann an Hiort, ach gu h-inntinneach cha robh Gàidhlig idir aig 40% den fheadhainn a fhreagair, le 19% eile ag ràdh gun robh beagan aca no facal no dhà. Bha a’ phròiseact air a bhith ag amas air cuimseachadh air luchd-amais gun Ghàidhlig agus aithne a thoirt dhaibh air na h-ealain Ghàidhlig agus air a’ chànan san fharsaingeachd – agus tha an 59% seo (a’ gabhail a-steach an fheadhainn le glè bheag de Ghàidhlig) a’ sealltainn gun deach an amas sin a choileanadh. Thuirt 27% nach robh iad a-riamh roimhe aig tachartas ealain Gàidhlig, a’ sealltainn gun robh faisg air trian nan luchd-frithealaidh ùr - a-rithist a’ comharrachadh leasachadh luchd-amais le bhith a’ tàladh daoine ùra.

Den luchd-frithealaidh ùr seo thuirt 86% eile gum brosnaicheadh an t-eòlas seo iad airson tachartas ealain Gàidhlig eile a fhrithealadh – rud a tha air leth dòchasach co-cheangailte ri bhith a’ togail luchd-amais ùr. Bhiodh barrachd fiosrachaidh dà-chànanach air a bhith na bhuannachd dha daoine gun Ghàidhlig is dha luchd-ionnsachaidh ro na taisbeanaidhean, agus thàinig fiosan air ais bho cuid a fhuair e doirbh a leantainn. Ach san iomlanachd, thuirt feadhainn gun Ghàidhlig idir gun d’ fhuair iad rudeigin bhon taisbeanadh agus chuir an fheadhainn seo an cèill mòran de bheachdan matha.