Tha sinn air grèim fhaighinn air tòrr dhaoine a tha ag obair sna h-ealain Ghàidhlig - a' chuid mhòr dhiubh aithnichidh tu bho rèidio, chluicheadairean CD, leabhraichean , TBh agus àrd-ùrlairean - ach cuideachd daoine inntinneach bho air cùl chùisean.
Tha sinn air feuchainn faighinn a-mach dè tha gan cumail a' dol, mar a tha iad a' faireachdainn mu na h-ealain is mun chànan, a thuilleadh air ceistean gòrach dìreach airson fealla-dhà (co aige bhiodh fios gun robh Joy Dunlop airson a bhith na gladiator nuair a bha i beag?!?)
-
O Chionn ghoirid fhuair sinn an cothrom còmhradh ri Brian O Headhra, fear a tha le iomadach thàlant agus a tha aithnichte tro shaoghal nan Gaidheil airson a chomasan nuair a thig e gu cèol is seinn.
-
‘S e ùghdar, bàrd is sgrìobhaiche dràma duaiseil a th’ ann an Caoimhin MacNèill.Chaidh a’ chiad nobhail aige, The Stornoway Way, fhoillseachadh ann an clò-cruaidh ann an 2005 agus tha i air a thighinn a-mach o chionn ghoirid ann an clò-bog.
-
Tha Daibhidh Màrtainn na sgrìobhadair-còmhnaidh aig An Lanntair. Tha a dhreuchd maoinichte le GASD agus tha e an-dràsta ag obair còmhla ri sgoil Sir E Scott sna Hearadh, a' sgrìobhadh dealbh-chluich Ghàidhlig dha Mach ann an Deich. Fhuair sinn grèim air gus faighinn a-mach mar a tha cùisean a' dol.
-
Feumaidh gur h-e Joy Dunlop an neach as trainge ann an Alba...
-
Fhuair sinn facal air Màiri Anna NicUalraig an dèidh cluinntinn uimhir mun ghige a bh' aice o chionn ghoirid aig Celtic Connections leis a' chòmhlan ùr aice, Na Seòid.
-
Fhuair sinn facal air Rhoda Meek goirid an dèidh dhith Cafaidh Sìth fhosgladh ann an Glaschu.
-
Le Strathspe Away dìreach gu bhith againn fhuair sinn facal air Sandra NicDhonnchaidh airson tuilleadh innse dhuinn mun fhèis ùr-ghnàthach seo.
-
Fhuair sinn grèim air a’ chòmhlan Ghàidhlig BiBeo airson barrachd fhaighinn a-mach mun chòmhlan, mun cheòl aca agus mu na planaichean a th’ aca airson an ama ri teachd