Dè cho fada ‘s a tha sibh air a bhith còmhla?
Tha an còmhlan air a bhith còmhla a-nis airson còrr air bliadhna ach thòisich sinn a’ cluich ceòl acoustic ann an 2007 nuair a thòisich sinn a’ smaoineachadh air a’ chòmhlan an toiseach.
Thoir iomradh air rud sònraichte bhon dreuchd-ciùil agaibh
Tha iomadh rud air a bhith sònraichte dha Bi Beò ann an 2008 gu h-àraidh le foillseachadh a’ chiad chlàr-ciùil againn a mhaoinich sinn fhìn. Bha e mìorbhaileach a bhith a’ cluich aig Barra Live agus tha e fhathast gu mòr nar cuimhne. Bha an t-àite cho math, eagrachadh, còmhlain is luchd-èisteachd mìorbhaileach is a h-uile càil ann an dà latha. Bha e air leth math gur sinn a’ chiad chòmhlan Gàidhlig a chluich a-riamh ann an Innis Tìle agus b’ e rud sònraichte a bh’ ann a bhith a’ cluich beò air rèidio nàiseanta Innse Tìle oir dhaingnich e dhuinn gur e cànan a th’ anns a’ Ghàidhlig le ceòl a tha comasach air cultaran ùra a ruighinn.
Bha ceòl a’ chòmhlain cuideachd air a’ chiad iùl-siubhail uaine Seanal TBh agus mu thràth tha còrr air 200,000 neach a bhrùth air a’ bhidio mu na h-Uibhistean air a chluich. Tha seo a-rithist air cothrom a thoirt dha ceòl Gàidhlig Bi Beò luchd-èisteachd ùr a ruighinn.
Dè a tha san amharc dha Bi Beò?
Tha Bi Beò a-nise ag ullachadh an dara clàr-ciùil Gàidhlig aca agus a’ toirt òrain Ghàidhlig gu gnèithean ùra leithid Reggae agus Rap agus ga dhèanamh nas taitniche dha luchd-èisteachd nas fharsainge. Bidh 12 òran ùr nodha air a’ chlàr ùr agus tha e gu tur eadar-dhealaichte bhon chiad chlàradh againn.
Tha sinn cuideachd a’ faighinn barrachd ghigichean air feadh na dùthcha agus bidh tattoo Hebrides agus gige ann an Swansea san t-Sultain le còmhlain Cuimreach nan nithean sònraichte am-bliadhna.
Dè cho cudromach ‘s a tha cànan is cultar na Gàidhlig dhan chòmhlan is dhan cheòl a tha sibh a’ dèanamh?
B’ ann air cànan na Gàidhlig a rinn Bi Beò ainm dhaibh fhèin agus le òrain a sgrìobh sinn fhìn tha Bi Beò sònraichte. Às aonais nan òran Gàidhlig tha sinn a’ faireachdainn nach biodh sinn air an aithne a fhuair sinn fhaighinn air feadh an t-saoghail agus tha cudromachd cultar na Gàidhlig nar n-eachdraidh air cothrom a thoirt dhuinn faireachdainnean is smuaintean mun chultar sin a chur an cèill sna h-òrain a tha sinn a’ sgrìobhadh.
Tha ar ceòl is ar n-òrain a’ foillseachadh an eòlais a fhuair sinn bho bhith beò ann an cultar sònraichte agus tha beachdan luchd-leantainn air feadh an t-saoghail a’ sealltainn gu bheil e a’ còrdadh riutha gun urrainn dhaibh ceangal a dhèanamh ris an àite is ris an t-sluagh tron cheòl againn. Ged nach eil sinn air taic ionadail fhaighinn airson na tha sinn a’ feuchainn ri dhèanamh le bhith a’ cruthachadh òrain ùra sa Ghàidhlig, tha sinn air taic fhaighinn bho dhùthchannan is chultaran eile agus tha seo air misneachd a thoirt dhuinn leantainn oirnn a’ leasachadh ar cuid ciùil. A rèir Bi Beò bu chòir dha ceòl sam bith a bheir air luchd-èisteachd ùr èisteachd ris a’ Ghàidhlig, biodh e traidiseanta, ùr no eile, taic fhaighinn oir tha e a’ cuideachadh ann an gleidheadh a’ chànain is an ionannachd chultarach air feadh an t-saoghail agus a’ brosnachadh sgrìobhadairean ùra, òg òrain Ghàidhlig a chlàradh is a sgrìobhadh.
Dè an rud as fheàrr mun Earrach?
‘S e àm a th’ anns an Earrach airson tòiseachaidhean ùra agus dha Bi Beò toiseach prògraim trang de chlàradh is cluich. Tha e a’ toirt dòchas ùr airson an t-seusan a th’ air thoiseach agus le na làithean a’ fas fada smuaintean sona mu amannan spòrsail a’ cluich ar ciùil.
Cò a th’ anns a’ chòmhlan?
Seumas Macletchie- Prìomh Ghuthan
Kevin De Las Casas –Prìomh Ghiotàr /co-sheirm
Gordon Wells –Bùird iuchrach/co-sheirmean
Will Lamb- Drumaichean
Nick Ingledew-Harmonicas/co-sheirmean
Chuck MacQuillan- Giotàr Beusach /12 sreang dealain
Cò as èibhinne?
Tha deagh fhaireachdainn àbhachdais aig gach ball de Bi Beò ged a tha cuid den fhealla-dhà gu math truagh. Tha e cudromach a bhith aighearach is gun cùisean a ghabhail ro throm. Mar chòmhlan bidh deagh spòrs againn còmhla agus tha amannan anns gach gige nuair nach tèid cùisean mar a bha dùil.
Cò a bhios a’ faighinn barrachd aire bho na boireannaich?
Tha deasbad an-còmhnaidh sa chòmhlan mun seo ged a chaidh dithis no triùir de na buill shingilte air chall uair no dhà an dèidh gigichean gu pàrtaidhean gun ath latha. Thathas air òran a dhèanamh mun sin a-nis.
“Gu ma tric, theid aon air chall Le gruagach òg, a bhios ann A thug dha suil, sa thug e far a shlighe A feathamh sa mhaduinn, beò an dùil Gun nochd e trath le gaire na chridhe Gun sgiall air a bhanna charaid òg”
Dè an rud a b’ àraid a thachair dhan chòmhlan?
Air ar turas gu Innis Tìle dh’fhalbh sinn bho Loch nam Madadh agus nuair a ràinig sinn an t-Eilean Sgitheanach mhothaich sinn gun robh toll san tàidhr. Fhuair sinn air an tàidhr a ghaothadh an-àirde gus na ràinig sinn garaids ann am Port Rìgh far an tug iad tèile dhuinn airson a dhol air adhart. Airson £20 and two albums later …don’t understand this…bha sinn air ais air an rathad. Ràinig sinn Glaschu dà uair a thìde ron àm ach chaidh innse dhuinn gun robh am plèan air a cur dheth gu 2m.
B’ e oidhche gu math fada a bh’ ann às aonais giotàr is ceòl agus mu dheireadh ràinig sinn Innis Tìle aig 6m.