Coimhearsnachd

Tha fios agam gu bheil sibh gu mòr an sàs le Feis Bhlas, Chuala mi gun deach gu soirbheachail leis am bliadhna, nach innse thu dho beagan a bharrachd mu dheidhinn.

Tha am fo-thiotal son Blas "Moladh na Gàidhealtachd" agus bidh sinn a' dèanamh dìreach sin. Bidh mu caogad consartan is tachartasan a' dol tharais sgìre na Gàidhealtachd ann an tallaichean, caistealan, sgoiltean, msaa. Bidh òigridh agus luchd-proifeiseanta a' gabhail pàirt ann agus bidh an luchd-èisteachd a' tighinn bho na coimhearsnachdan fhèin agus bho thall tharais. Am bliadhnasa bha an fhèis air leth soirbheachail. Bha mu 7,400 aig na consartan agus mu 4000 sgoilearan aig consartan/buithtean-obrach sna sgoiltean. Bha ar tiocaidean an-àird 25% am bliadhna. Mar a shaoileadh tu, bha sinn uile glè thoilichte le sin. Tha mi a-nis a' dèanamh na "bookings" airson Blas 2010. 'S e obair gun sguir! Seallaibh: www.blas-festival.com

A bharrachd air an obair sa leis na fèilltean, tha thu cuideachd na do sheinneadair/sgrìobhaiche soirbheachail, de mar a tha sinn a' dol leat?

'S toil leam a bhith cluich is seinn gu proifeasanta ach chan eil làn-uine. Rinn mi sin son bliadhnachain sna naochadan. Le clann beaga chan eil an t-saoghal sin cho math nam bheachdsa. Bidh mi a' sgrìobhadh amhrain fhathast ged-tha agus gan seinn sna consartan a th'agam leis an còmhlan MacGregor, Brechin & Ó hEadhra; 's e sin Bruce MacGregor agus Sandy Brechin. B'abhaist dhomh a bhith sgrìobhadh sa Ghàidhlig, Beurla is Gaeilge, ach a-nis 's e Gàidhlig a-mhain a bhios mi a' cleachdadh. Tha daoine gu leòr san t-saoghal a' sgrìobhadh sa Bheurla; chan eil mòran sa Ghàidhlig! Seallaibh: www.macgregor-brechin-oheadhra.com no www.brianoheadhra.com

Co iad a thug buaidh ort gus òrain an dèanamh san seinn?

Bidh mise ag èisteachd ris a h-uile seorsa ciùil; bluegrass, Gàidhealach, roc, stoidhlean eadar-nàiseanta, msaa. Ma tha thu a' lorg ainmean... seo dìreach tagh... Shawn Colvin, Mícheal Ó Dómhnall, Dolly Parton, Liam Ó Maonlaí, Tom Waits, The Beatles, Simon & Garfunkel, Murdo Dan Macdonald, ACDC.....

Inns beagan dhuinn mu na bha thu ris o chionn ghoirid!

*Tha mi a' cluich sa chòmhlan aig a' bhean agam - Fiona Mackenzie à Griais, Eilean Leodhais. 'S e sàr sheinneadair is sgrìobhadair a th'innte. Bidh sinn a' dèanamh barrachd constartan anns na mìosan a tha romhainn. Seallaibh: www.myspace.com/fionamackenziemusic

Bidh mi a' dol a sheinn ann an Ceap Breatainn aig an fhèis Dathannan Ceilteach ann an seachdainn. Bidh mi a' cumail suil a-mach airson luchd-ciùil an sin cuideachd airson an fhèis Blas.

Tha mi air a bhith air leth trang a' teagaisg clasaichean Ùlpan (doigh airson Gàidhlig a theagaisg) ann an Inbhir Nis. Bidh mi a' dèanamh clas-comhraidh le luchd-ionnsachaidh cuideachd. Bidh mise ag ionnsachadh rudan ùra gach clas cuideachd!*

Am bith sibh an sàs le pròiseact sònraichte sam bith eile am bliadhna?

Bidh mi a' clàradh diosg ùr agam fhèin am bliadhna. Bidh cuid is motha de na h-amhrain agam fhèin sna Gàidhlig is Beurla.

Tha fèis ùr aig mi fhìn is Bruce MacGregor leis an ainm "Northern Roots" a bhios a' tachairt air an tuathanas Bogbain, dìreach air an slighe dheas à Inbhir Nis anns an Òg-mhios. Thoisich i am bliadhna agus bha i glè shoirbheachail. Seallaibh: www.northern-roots-festival.com

Tha mi an dòchas gum bi Leit International againn an ann Inbhir Nis aig deireadh 2010. 'S e seo farpais de amhrain ann am mion-chanain roinn Eòrpa. Bidh am farpais Nòs Ùr a' biadhadh a-steach dhan fharpais seo. Seallaibh: www.liet.nl, air no www.nos-ur.eu

Bidh mi cuideachd a' dèanamh beagan obair gur saor-thoilleach. Tha mi nam chathraiche de Chomann nam Pàrant Inbhir Nis agus tha mi air 'a bhòrd aig HI~Arts. Seallaibh www.cnp-inbhirnis.com aguswww.hi-arts.co.uk

Mar a chì sibh, tha gu leòr a' tachairt nam bheatha!*

Ceistean beaga a thèid an cur air a h-uile daoine….

De an leabhar as fhear leat?

  • Ortha nan Gàidheal (Carmina Gadelica) (Vol 1-6) le Alexander Carmichael. Abair leugh a tha seo.

De an dreuchd a bha fainear dhut nuair a bha thu nad bhalach?

  • Bha mi a-riamh ag iarraidh a bhith nam sheinneadair. Bha mi cuideachd ag iarraidh a bhi ag obair anns nam meadhnean craodhlaidh is a bhith ag obair ann an leasachadh cànain nan Gàidheal. Fhuair mi mo mhiann!

De an ceòl a th' air an Ipod/Radio agad an dràsta?

  • Tha mi ag èisteachd ris a' chlàr Cuovgga áirras/ Sterna Paradisea le Mari Boine - seinneadair Sami à Nirribhidh. Cuideachd tha mi ag èisteachd ris a' chlàr Alison Krauss & Union Station Live.

Nam biodh tu air do chuir air eilean leat fhèin, de an dà rud a bheireadh tu leat airson an ùine a chuir seachad?

  • Mo ghiotar, Ortha nan Gàidheal, mo choimpiutair (iMac).

Nam biodh agad an còrr de d' bheatha a chuir seachad air aon dha na h-Eileanan an Iar, de an fhear a thaghadh tu agus carson? (Chan fheum thu seo a fhreagairt, for fear of reprisals!)

  • Tha Èirinn an Iar nach eil!?