Coimhearsnachd

Daibhidh Màrtainn

Tha Daibhidh Màrtainn na sgrìobhadair-còmhnaidh aig An Lanntair. Tha a dhreuchd maoinichte le GASD agus tha e an-dràsta ag obair còmhla ri sgoil Sir E Scott sna Hearadh, a' sgrìobhadh dealbh-chluich Ghàidhlig dha Mach ann an Deich. Fhuair sinn grèim air gus faighinn a-mach mar a tha cùisean a' dol.

dealbh daibhidh martainn

Inns beagan dhuinn mu Mach an an Deich...

'S i fèis ùr de dhealbh-chluichean Gàidhlig a mhaireas 10 mionaidean a th' ann. Bidh iad ri faicinn airson seachdain sa Mhàrt 2007. Tha mi a' sgrìobhadh tè mar phàirt de mo chòmhnaidheachd ach tha mi cuideachd an dòchas tè air leth a chur a-steach mi fhìn.

Dè an tachartas ealain mu dheireadh gun deach thu?

Bha mi aig Ceòl 's Craic san CCA o chionn ghoirid, a' cluich còmhla ri Iain Moireasdan(bho Crash My Model Car), agus bha Màrtainn Mac an t-Saoir a' leughadh bhon leabhar ùr aige. Bha mi smaoineachadh gur e tachartas mìorbhaileach a bh' ann agus àite mìorbhaileach; bha e cuideachd gu math “cool” ach neònach dha-rìribh a bhith air Sràid Sauchiehall a' coimhead mnathan a' luaidh clò.

Am bi thu a' cluich còmhla ri Iain tric?

Tha mi fhìn is Iain air a bhith nar caraidean airson ùine mhòr agus thòisich sinn a' cur mo sgrìobhaidh-sa an lùib a chiùil aige-san o chionn còrr air dà bhliadhna. Chluich sinn aig na Arches airson Celtic Connections ann an 2005 agus air prògram rèidio Tom Morton air Rèidio Alba. Tha sinn cuideachd air cluich còmhla ann an caochladh àiteachan, a' gabhail a-steach Ceòl 's Craic. Tha sinn gu bhith a' cluich còmhla aig Celtic Connections na bliadhna-sa ann an Talla Rìoghail nan Consairt air 26 Faoilleach.

Dè bhios gad bhrosnachadh gu sgrìobhadh?

Tha beatha an-còmhnaidh gam bhrosnachadh agus mar a dh'fhaodas nithean beaga buaidh mhòr a thoirt nuair a stadas tu 's a sheallas tu. Tha a' mhuir gam bhrosnachadh gu mòr cuideachd, gu h-iongantach!!

  • Chan eil i “cool” ach 's toigh leam i...Dolly Parton
  • 'S toigh leam a bhith a' leughadh ...different things all the time
  • Nuair a bha mi òg bha mi airson a bhith ...mar Bob Dylan
  • Cha chreideadh sibh e ach...ha mi uabhasach dèidheil air bòrdadh-sneachd (a bharrachd air am-bliadhna nuair a chuir mi cnàimh-an-uga agam às àite san Fhraing)
  • Clàr-ciùil mo bheatha...bhiodh beagan dhen h-uile seòrsa agam, a' chuid mhòr dheth stuth fuaimneach seinneadair/sgrìobhadair òrain ach cuideachd Dolly Parton agus Metallica. Tha amannan ann agus feumaidh tu!
  • Aig an Nollaig seo bidh mi ....aig an taigh, a' sgrìobhadh, ag ithe is a' falach mo chairt-creideis!
  • Chan eil mi ag iarraidh aig an Nollaig ach ....aig an taigh, a' sgrìobhadh, ag ithe is a' falach mo chairt-creideis!