Coimhearsnachd

Feumaidh gur h-e Joy Dunlop an neach as trainge ann an Alba...

A bharrachd air a bhith na h-oifigear leasachaidh airson a’ Chomuinn Ghaidhealaich, bidh I a’ seinn gu proifeiseanta, a’ sgrìobhadh airson a’ Gàidheil Ùir, a’ stiùireadh còisir fhear agus tha I na ball de 3 còisearan Gàidhlig [Atomaig Piseag agus Coisir Ghàidhlig Thaigh an Uillt-mnathan agus a’ chòisir slàn] Cuideachd tha I air tilleadh bho shia mìosan ag obair ann an Canada! Bhruidhinn sinn rithe gu luath as dèidh Mòd Nàiseanta na bliadhna seo!

Dè an rud a b’ fheàrr leat mun Mhòd am bliadhna?

Hmmm tha sin duilich! Mar chuideigin a tha fìor dhèidheil air a’ Mhòd tha a h-uile pìos dheth a còrdadh rium ach a thaobh farpaisean, tha mi air leth pròiseil mar a rinn na còisearan agam. Bidh mi a’ seinn le agus a’ teagaisg Gàidhlig do Chòisir Ghàidhlig Thaigh an Uillt agus fhuair sinn a’ chiad àite agus na duaisean Gàidhlig agus Ciùil am bliadhna san fharpais Cuach Cuimhneachan an t-Siorraim Mhic a’ Mhaighstir Chaimbeul. B’ e seo a’ chiad turas agam Gàidhlig a dhèanamh airson còisir agus bha eagal mo bheatha orm nach còrdadh mo chuid Ghàidhlig ris na britheamhan-‘s math nach do thachair sin! Cuideachd fhuair na fireannaich agam “Còisir Ceann an Tuirc” duais airson a’ chiad turas [2nd duais agus an duais ciùil leis na GGs] agus tha sinn uile air bhioran mu dheidhinn seo!

Mar phàirt de Iomall a’ Mhòid rinn sibh taisbeanadh mun turas agaibh a Chanada-an innis thu beagan dhuinn mu dheidhinn airson feadhainn nach robh ann?

Chaidh cothrom a thoirt dhomh obrachadh le buidheann choimhearsnachd ann an Ceap Breatainn air a bheil fèis Mhàbu. Bha mi a’ brosnachadh agus a’ dealbhachadh cànan, cultar agus òrain na Gàidhlig le clann agus inbhich agus chòrd e rium glan. Dh’ fhurich mi airson sia mìosan leis cho mòr a chòrd e rium agus bha am pròiseact air leth soirbheachail, bha barrachd air 140 pàiste an sàs ann gu lèir agus inbhich gu leòr cuideachd. Thug e brosnachadh cudromach don Ghàidhlig sa sgìre, rud air a bheil sàr fheum. Cuideachd rinn mi oidhirp mo bhogadh fhìn sa chultar aca ‘s mar sin chaidh mi gu gach dannsa, cèilidh agus partaidh sa sgìre, bha e mìorbhaileach. Feumaidh mi leisgeul eile a lorg a-nis a dhol ann a-rithist…

feis mabu - joy dunlop - dealbh

Bha Atomaig Piseag trang aig a’ Mhòd cuideachd! Dè bha sibh ris sa Ghearasdan?

Chlàraich sin a’ chiad chlàr againn air a bheil “Piseag Gu Leor” agus bha partaidh againn sa Ghearasdan airson a chur a-mach oidhche Haoine. Bha sin fìor mhath agus gu math spòrsail-tòrr òrain, dhibhearsain agus deochan làidir an asgaidh! Tha e duilich dhuinn mar chòisir sgìreil a h-uile duine a choinneachadh còmhla ach nuair a thachras e-thoir an aire! B’ e sàr oidhche a bh’ ann le ar caraidean agus chuir e deagh chrìoch air a’ Mhòd dhuinn-agus ma tha ùidh aig duine sam bith sa chlàr, cuir fios thugam agus ‘s dòcha gum faigh sibh deagh bhargan!

Atomaig Piseag - dealbh - joy dunlop

A bharrachd air sin, bidh sibh a’ seinn nad aonar-ciamar a tha sin a’ dol?

Bha a’ bhliadhna seo air leth dhomh, bha mi gu math trang a’ seinn agus a’ teagaisg agus tha mi cho taingeil gun d’ fhuair mi na cothroman ud. Bha mi fìor thrang ann an Canada a’ seinn agus a’ cèilidh le muinntir agus bha sin sònraichte math agus cuideachd fhuair mi cothrom a dhol air ais a-null son pàirt a ghabhail an fhèis eadar-nàiseanta “Dathan Cheilteach”. Chòrd sin rium glan fhèin. A thaobh a’ Mhòid bha mi glè thoilichte farpais an Òrain Mhòir a bhuannachadh agus an darna àite fhaighinn ann am farpais a’ Bhuinn Òir am bliadhna seo. Bha an fharpais sin gu math eagallach dhomh ach chòrd e rium a bhith mar phàirt dheth. Feumaidh mi meallaibh ur naidheachd a thoirt dha Sìne NicAoidh agus Seumas Greumach a ghlèidh an fharpais am bliadhna- ‘s math a rinn sibh agus nach sibh a tha airidh air!

Thathas ag ràdh gur h-e pìos a th’ annad – ciamar a tha e a bhith nad “Mhòd babe?”

Hahahahahahahaha, pìos, mise?? Feumaidh nach fhaca sibh a’ chiad char sa mhadainn mi!!! ‘S toil leam ged-thà am beachd a tha air cùlaibh nam “Mod Babes” leis gu bheil e a’ dearbhadh gu bheil taobh spòrsail agus beòthail aig a’ Chomunn. Airson cus bhliadhnaichean bha daoine a’ coimhead oirnne mar bhuidheann sheann-fhasanta agus ‘s dòcha gun seall seo dhan mhòr-shluagh gu bheil am Mod agus ACG freagarrach dhan a h-uile duine, òg agus sean. Chuir sinn bràistean ri chèile am bliadhna le abairtean orra- Mod Babe, Mod Pride, Suas leis a’ Mhòd and Moiteil as a’ Mhòd. Bha iad cho soirbheachail nach robh gin dhiubh air fhàgail as dèidh a’ chiad deireadh-sheachdain! Tha mi an dòchas barrachd dhiubh a dhèanamh airson feadhainn a tha gan iarraidh agus saoilidh mi gur h-e dòigh glè mhath a th’ annta airson am Mod a bhrosnachadh-chunnaic mi bodach mu 80 bliadhna a dh’ aois le bràiste “Mod Babe” air agus shaoil mi gun robh sin dìreach sgoinneil!

  • Chan eil e fasanta ach ‘s toil leam…òrain na Nollaige! ‘S e “All I want for Christmas” le Mariah Caray agus “Feed the world” le Band Aid an fheadhainn as fheàrr leam!!!

  • Nuair a bha mi òg bha mi ag iarraidh a bhith…iomadh rud eadar-dhealaichte-dannsair, seinneadair, Gladiator, paramedic, cleasaiche, a’ faighinn an duais “Nobel”, dotair…

  • Cha biodh fios agad ach…chan toil leam idir a bhith a’ còcaireachd…ach ‘s fìor thoil leam a bhith ag ithe!!!

  • Bhiodh ceòl mo bheatha…gu math measgaichte! Dh’ fheumadh ceòl traidiseanta, ceòl pop “càiseach”, power ballads agus òrain Disney uile a bhith ann!

  • B’ e an turas mu dheireadh a bha mi a’ caoineadh…aig a’ phàrtaidh agam mus do dh’ fhàg mi Màbu-thug iad tiodhlacan dhomh agus cha b’ urrainn dhomh sguir a’ rànaich-nach mi a bh’ air mo nàireachadh!