Coimhearsnachd

‘S e ùghdar, bàrd is sgrìobhaiche dràma duaiseil a th’ ann an Caoimhin MacNèill.Chaidh a’ chiad nobhail aige, The Stornoway Way, fhoillseachadh ann an clò-cruaidh ann an 2005 agus tha i air a thighinn a-mach o chionn ghoirid ann an clò-bog.

kevin macneil image

Tha Stornoway Way air a thighinn a-mach o chionn ghoirid ann an clò-bog - dè mar a tha dol dha?

Tha e a' dèanamh fìor mhath - fada nas fheàrr na bha dùil agam! Dìreach mìos as dèidh dha a thighinn a-mach ann an clò-bog, tha iad ga phrinteadh a-rithist.

Dè cho cudromach 's a tha an cànan nad obair?

Mar as trice, 's e an obair fhèin a tha ag innse dhomh dè an cànan anns an sgrìobh mi ! Rud a bha duilich, ged-tà, agus nach dèanainn a-rithist, 's e dealbh-chluich dà-chànanach a sgrìobhadh, far am b' fheudar do X% dhen dealbh-chluich a bhith anns a' Bheurla agus Y% anns a' Ghàidhlig; chan urrainn dhut sin a dhèanamh gun beagan ath-aithris a bhith ann, agus chan eil sin math do dhràma sam bith.

Tha thu ag obair ann an ceòl, am bàrdachd, an dràma is ann an rosg - dè eile a tha thu a' sùileachadh fheuchainn? Dè an gnè anns an fheàrr leat a bhith ag obair, agus carson?

Tha mi air beagan obair-t.bh a dhèanamh agus tha mi a' smaoineachadh gun còrdadh e rium barrachd dhen sin a dhèanamh. Feumaidh mi beagan 'plastic surgery' fhaighinn an-toiseach, ged-tà.

Co air a tha thu ag obair an-dràsta?

Dà nobhail ùr. 'Singing for the Blue Men' agus tèile le tiotal nas neònaiche'! An-dràsta, tha ùidh mhòr agam ann an nobhailean agus sgeulachdan glè ghoirid (mu 300 facal), rud ris an canar 'microfictions'.

Nad bheachd-sa dè an rud as inntinniche tha dol air adhart sa Ghàidhlig an-diugh?

An ginealach ùr a tha fàs suas an-dràsta. Tha mi 'n dòchas gum bi iad gu math fileanta sa Ghàidhlig nuair a dh'fhàgas iad an sgoil. Tha mi cinnteach gum bi cothroman acasan nach robh againne.

• Chan eil e "cool" ach 's toigh leam e... An còmhlan-ciùil Rush! Tha an còmhlan-ciùil seo nas aosta na tha mi-fhìn ach tha mi cho measail air a' cheòl aca 's gu bheil cuid dhe mo charaidean a' smaoineachadh gu bheil mi glan às mo chiall. Chan mi ag ràdh nach eil iad ceart.

  • 'S toigh leam a bhith a' leughadh... gun sguir! Deagh leabhraichean - ficsean, neo-fhicsean, bàrdachd - càil sam bith, cho fad 's a tha e math! 'S e na nobailean as fheàrr leam 'Fugitive Pieces' le Anne Michaels agus 'Silk' le Alessandro Baricco.

  • Nuair a bha mi òg bha mi airson a bhith ....nam sgrìobhadair. Agus air dòigh air choreigin, 's e sin an dearbh rud a thachair!...Tha fios 'am gu bheil mi air a bhith fortanach.

  • Cha chreideadh sibh e ach... Tha mi gu math dèidheil air cait, eacarsaich agus cartoons!

  • Clàr-ciùil mo bheatha... 'August and Everything After' le Counting Crows. No 'An Tractar a th' agamsa [The Metallica Remix]',