Tha tàlant iongantach aig Na Seòid - An inns sibh beagan mu mar a thàinig sibh còmhla?
B'ann aig Mod Dhùn Omhain a bhuail e orm gu robh gluasad às ùr a' tighinn ann an ceòl Gàidhlig. Bha mi riamh gu math dèidheil air a' Mhòd, a dh'aindeoin a sheann fhasain agus gach cnuasachadh 's càineadh a th'air a bhith a' dol ma dheidhinn bho chionn ghoirid.
Ach aig a' Mhòd a bha seo, bha rudeigin ann a bha eadar-dhealaichte bho bhliadhnaichean eile - bha Gàidhlig ri cluinntinn air na sràidean am measg theaghlaichean agus am measg dhaoin' òga, agus bha seinneadairean òga comasach, misneachail rin cluinntinn air an àrd-ùrlar - gu h-àraidh na fir.
Na mo shuidhe ag èisteachd ri na Buinn Òir, thòisich mi air liosta a dhèanamh an-àirde air cùl prògraim a' Mhòid - agus b' ann air an latha sin fhèin a dh'èirich còmhlan ùr. Air a' cheann thall, thrus mi seachdnar laoch còmhla - gach aon dhiubh le guth seinn, le beusan a bharrachd - ge b'e comas-cluiche no sgrìobhadh no rannsachadh - agus aig cridhe gnothaich bha miann ann Gàidhlig fhaicinn mar phàirt de bheatha làitheil a' chòmhlain a cheart cho math ri gnothach dhan àrd-ùrlar a-mhàin.
Ach cha b'e gnothach furasta a bhiodh ann a' tarraing còmhlan cho mòr - 's dòcha suas ri ochdnar gu lèir - ri chèile. As dèidh beagan ùine a' beachdachadh air an t-slighe air adhart, chaidh mi a bhruidhinn ri luchd-stiùiridh na fèise, Blas, a chuireadh air bhonn anns na bliadhnaichean air thoiseach air bliadhna chultarail na Gàidhealtachd, Highland 2007. Agus gu fortanach, mar a thuirt àrd-stiùiriche na buidhne a bha cur Blas air dòigh - Art MacCarmaig bho Fhèisean nan Gàidheal - cha b' e ruith ach leum a rinn iad.
Co tha anns an còmhlan-ciùil?
Nar measg tha Seumas Greumach à Loch an Inbhir - a' chiad Ghàidheal agus a' chiad ghille riamh a bhuinnig duais BBC Radio Alba airson Neach-Ciùil Òg na Bliadhna aig an fhèis, Celtic Connections ann an 2004. Agus tha am-bliadhna seo fhèin air a bhith glè mhath dha cuideachd, agus Bonn Òir a' Mhòid Nàiseanta air ùr chosnadh dha.
À Leòdhas tha Norrie MacIomhair, oileanach aig an RSAMD a tha seinn leis a' chòmhlan, Bodega, a choisinn iad fhèin aon de phrìomh dhuaisean-ciùil òigridh a' BhBC - sin an duais Young Folk aig BBC Radio 2 ann an 2005. Tha fear eil' ann le dàimh ri Càrlabhagh agus cuideachd ris an Eilean Sgitheanach - Tormod MacArtair, ball dhen chòmhlan Meantime, agus a choisinn Bonn Òir an t-seann nòis aig a' Mhòd iomraideach sin ann an Dùn Omhain.
Tha na Buinn Òir air am frasadh air feadh an àite cuideachd! Tha a dhà an urra aig Gillebrìde Mac a' Mhaoilein à Gearraidh Bhailteas an Uibhist a Deas agus a tha an-dràsta a' còmhnaidh san Spàinn, agus aig Leòdhasach eile, Calum Ailig Mac a' Mhaoilein. Nan cuideachd tha aon de ghuthan ùra nan Gàidheal, Griogair Labhraidh, a bhuineas do theaghlach Earra-Ghàidhealach ainmeil a thaobh pìobaireachd agus aig a bheil taobh do dhualchas Uibhist, agus mu dheireadh an caiptean e fhèin, Aonghas 'Sgiobanais' MacPhàil a tha mu dheireadh thall a leigeil fhaicinn gu bheil guth seinn cumhachdach aige!
'S e tha mìorbhaileach mun luchd-ciùil seo, chan e a-mhàin gur iad na fir a tha air thoiseach an seo - ach gu bheil Gàidhlig aig cridhe beatha gach aon dhiubh - chan e cànan a-mhàin air a thasgadh air falbh air stèids a th'ann dhaibh, agus saoilidh mi gu bheil seo a' toirt buaidh air leth air an dòigh sa bheil iad a' lìbhrigeadh an cuid òran.
Agus tha clàr agaibh a-muigh a-nis -an inns sibh beagan mun sin cuideachd?
Tha an clàr fhèin gu math annasach, oir gun deach a' mhòr-chùid dhe a chlàradh beò, còmhla san stiùidio - slàn gun ghearradh no taic 'luch' a' chompiutair mar a tha gu tric a' tachairt ann an clàradh an lath 'n-diugh. 'S e 'fìor-cheòl' a tha seo - chuir e uallach oirnn san stiùidio, ach thug e beò an ceòl agus an luchd-ciùil - bha sin gu math cudromach dhuinn.
Dhan fheadhainn againn nach eil air a bhith cho fortanach 's air ur cluinntinn a' cluich fhathast, càite am faic sinn sibh am-bliadhna, is cuin?
Tha sinn gu bhith a’ cluich aig a’ chiad oidhche dhen Heb Celt am-bliadhna agus sinn cuideachd an làn dòchais gun tèid againn air tilleadh a sheinn aig Blas na bliadhna-sa.
A bheil pròiseactan iongantach gu bhith agaibh am-bliadhna?
Tha mi fhìn an sàs ann an iomadach pròiseact tron bhliadhna, nam measg tha ceòl ùr ga chruthachadh eadar Albannaich agus muinntir Chatalunya, agus cuairt sa Chèitean mar phàirt de sgeama an SAC,Tune Up. Bidh mi a-muigh còmhla ri seann charaid dhomh, Bruce Molsky, a bhios a' cluich seann dual-cheòl nan Stàitean, agus dà charaid eile - Gerry O Connor às Èirinn agus Gilles le Bigot às 'a' Bhreatainn Bhig, agus Mike is Ali Vass às Inbhir Narainn. 'S e Fiddle Rendezvous an t-ainm a th'air a' chuairt - www.tuneup.org.uk. Agus tha mi fhìn 's an duin' agam trang ag obair air stiuidio agus taigh ùr a thogail -Obair mhor! Thoiribh sùil air mar a tha sinn an dòchas a bhios e aig www.watercolourmusic.co.uk.
Tha fios againn gu bheil sibh an sàs ann am pròiseact coimhearsnachd ann an Loch Abar maoinichte le GASD rin canar Ceilear! Ciamar a tha a' dol le sin?
Tha math dha-rìribh. Tha sinn a' coinneachadh gach oidhche Luain ann am Baile Chaolais agus an Ath Tharracail a' seinn airson spòrs. Chaidh againn fiù 's air còisir a chur ri chèile airson Mòd Loch Abair an-uiridh - bha sin math gun deach againn air an sgìre fhèin a riochdachadh ann. Ach chan e 'còisir' a th'ann ann an da-rìribh – tha fàilte ro dhuine sam bith a tha airson tighinn còmhla a sheinn le daoin’ eile.
- Chan eil e fasanta ach 's toigh leam e ... mo shlupairs sheepskin (tha i deamhnaidh fuar an seo!)
- 'S toigh leam a bhith a' leughadh.- thrillers lagha, gumshoe agus a leithid – tha mi an teis meadhan Philip Marlowe an-dràsta - sgoinneil!
- Nuair bha mi beag bha mi ag iarraidh a bhith – ann an còmhlan ciùil!!! ...
- ... Chan aithnicheadh tu e ach ... tha mi gu math diùid – honest!
- clàr mo bheatha... ... Snow Patrol Chasing Cars, The Stranglers Golden Brown, Eardsaidh Grannd – When I Came to Glasgow First, Bothy Band – Fionnghala
- An turas mu dheireadh a bha mi a' gul....a’ coimhead film.