Coimhearsnachd

Fhuair sinn facal air Rhoda Meek goirid an dèidh dhith Cafaidh Sìth fhosgladh ann an Glaschu.

Sìth Cafe, Dumbarton Road

Rhoda Meek

Co às a thàinig am beachd airson Cafaidh Sìth?

Uill, tha mi dèidheil air cofaidh! Gu firinneach? Bha mi fhèin 's mo chèile airson àite a chruthachadh far am biodh fàilte ro neach sam bith. Bha sinn airson ceòl, stuth fairtrade, Gàidhlig, cofaidh, craic, biadh air leth math agus coimhearsnachd a thoirt còmhla ann an aon àite, sìtheil, càirdeil. Agus aon latha, air an M a h-ochd, rinn sinn an-àird ar n-inntinn feuchainn air! Thug e bliadhna mus do dh'fhosgail sinn ged-thà...

Cuin a dh'fhosgail sibh agus a bheil sibh air a bhith trang on uair sin?

Dh' fhosgal sinn aig toiseach an Lùnastail. Bha e sàmhach an toiseach, ach tha sinn air fàs nas trainge gach seachdain bhon a dh'fhosgal sinn. Thug e greis mus robh muinntir Phartaig cinnteach mu ar deidhinn! 'S i bùth gu math eadar-dhealaichte a th'innte bhon chòir air an t-sràid...

Dè a tha ga dhèanamh eadar-dhealaichte bho chafaidhean eile?

Tha sinn gu tur fairtrade agus organic. Tha cothrom ann geamaichean a chluich fhad's a tha thu ann, no tiodhlac a cheannach. Tha e a’ còrdadh rinn a bhith còmhradh ri daoine a thig a-staigh. Tha ar cofaidh air leth math! Tha options vegan, veggie agus eile againn. Tha sinn a' cur fàilte air buidhnean a tha ag iarraidh an t-àite a chleachdadh - gun chosgais. Faodaidh tu aona chofaidh a cheannach agus suidhe fad an latha ma tha thu air a shon. Ma tha thu a' cruthachadh rudan ri reic, cuiridh sinn sa bhùth iad...oh, agus Gàidhlig - tha Gàidhlig ann!

Dè cho cudromach 's a tha a' Ghàidhlig dhan chafaidh? Am faod daoine a thighinn a-steach aig àm sam bith agus tòiseachadh a' bruidhinn Gàidhlig?

Tha Gaidhlig gle chudromach. Tha ainm Gàidhlig ann agus tha sinn a' feuchainn ri taic a thoirt do iomairt Ghàidhlig sam bith. Tha mi fhèin ann gach oidhche, 's mar sin, air an oidhche, faodaidh daoine a’ Ghàidhlig a chleachdadh aig àm sam bith. Tha tè, Liz, ag obair dhuinn - agus tha Gàidhlig aice. Tha dithis luchd obrach eile ag ionnsachadh na Gàidhlig cuideachd - mar sin, faodaidh tu Gàidhlig fheuchainn aig àm sam bith sa chafaidh - thig 's cuidich an luchd-obrach ri bhith ag ionnsachadh!
Tha oidhche còmhradh Ghàidhlig againn gach seachdain - Oidhche Chiadain bhon a sia - agus an ceann greis tha sinn an dòchas Gaidhlig a theagaisg.

Carson bu chòir dhuinn a thighinn sìos gu Cafaidh Sìth?

Gus rudeigin eadar-dhealaichte fheuchainn...gus coinneachadh ri daoine, gus tiodhlacan a cheannach airson na Nollaig, gus cupan cofaidh a ghabhail, gus WIFI a chleachdadh, gus Gàidhlig a bhruidhinn, oh, agus gus Jakey Cakey fheuchainn! (Cèic teoclaid air leth!)

Bhiodh e math d'fhaicinn!