Coimhearsnachd

Le Strathspe Away dìreach gu bhith againn fhuair sinn facal air Sandra NicDhonnchaidh airson tuilleadh innse dhuinn mun fhèis ùr-ghnàthach seo.

Inns beagan a bharrachd dhuinn mu co às a dh’èirich am beachd airson Strathspe Away.

Bhathas air iarraidh iomadh uair air Dannsa, nuair a bha iad air chuairt, beachdachadh air bùthan-obrach a thabhann air Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan, agus gu dearbha ann an àiteachan eile, ach air sgàth chuingealachaidhean le bàtaichean-aiseig, uairean-siubhail etc bha seo gu math doirbh agus mar sin thug sinn sùil air dòighean eile gus faighinn thairis air an t-suidheachadh. Mun àm sin dh’fhosgail dà ionad ùr ann an Cinn a’ Ghiùthsaich (far a bheil Dannsa stèidhichte);Ionad Bhaideanach agus Talla nan Ròs. Thug iad sin cothrom dhuinn smaoineachadh air fèis Dannsa a ruith seach gun robh grunn àiteachan againn mu thràth le deagh làran dannsa leithid taighean-òsta agus sgoiltean na sgìre.

Dè an seòrsa dhaoine a bhios a’ frithealadh na fèise?

Tha daoine deònasch gu leòr siubhal bho air feadh Alba gus an fhèis againn a fhrithealadh. Tha mòran de luchd-tadhail a’ tilleadh thugainn agus tha ar dorsan an-còmhnaidh fosgailte airson fàilte a chur air aghaidhean ùra. Tha na bùthan-obrach air atharrachadh tro na bliadhnaichean mu dheireadh agus tha iad a-nise a’ gabhail a-steach hip hop agus flamenco còmhla ri dannsan traidiseanta Albannach.

An urrainn dhut beagan innse dhuinn mun seo?

‘S ann air dannsa traidiseanta a tha sinn a’ cuimseachadh sa mhòr-chuid agus ‘s e fhathast an t-adhbhar gu bheil a’ chuid mhòr a’ tighinn chun na fèise. Ach tha sinn airson prògram eadar-dhealaichte a thabhann gach bliadhna agus tha sinn air gabhail air bòrd beachdan ar com-pàirtichean.

Dè cho cudromach ‘s a tha an cànan dhan fhèis?

Tha dealas air Dannsa a bhith a’ cur ris a’ Ghàidhlig, an dara cuid tro stuthan sanasachd, tro bhith a’ cleachdadh òrain Ghàidhlig agus le bhith a’ cur fàilte agus ag ainmeachadh nithean anns na consairtean. Bidh Strathspe Away 2008 a’ tabhann chlasaichean ann an Gàidhlig agus Puirt a Beul, agus tha mòran de ar luchd-teagaisg is ar saor-thoilich a’ cleachdadh is ag adhartachadh na Gàidhlig.

Dè a tha a’ còrdadh riut mu bhith a’ dannsadh?

Tha dannsa cho math ann an iomadh roinn is nach biodh fios agam càit an tòisichinn! Chan urrainn dhomh càil a ràdh ri daoine ach....."Tha fios agad gu bheil thu ga iarraidh"......Chì mi sibh ann an Cinn a’ Ghiùthsaich!