Leasaich is adhartaich
Tha sinn uile eòlach air a bhith a' faireachdainn cho ìosal an dèidh a bhith ag obair cho cruaidh airson pròiseact mhìorbhaileach a thoirt air adhart - agus an uairsin an teagamh... an tig daoine? Tha an earrann seo den làraich airson am pàirt sin ded obair a dhèanamh nas fhasa - ge bith dè an dreuchd a th' agad tha sinn airson do chuideachadh a' cur nan ealan Gàidhlig air adhart.
Tha sinn airson gun cuidich thusa sinne!
Chan eil na freagairtean uile againn agus tha sinn airson cluinntinn mu phròiseactan soirbheachail sam bith no leasachadh luchd-amais/sanasachadh cùisean sgrùdaidh, cùrsaichean matha air a bheil thu air a bhith no mu bheachdan sam bith a tha thu airson a roinn.