GLÈIDH ÀITE AN-DRÀSTA AIRSON PRÌOMH CHO-LABHAIRT NAN EALAN GÀIDHLIG
Bidh prìomh Cho-labhairt de na h-Ealain Ghàidhlig san Lanntair, Steòrnabhagh, air 8 is 9 Cèitean 2007. Tha a’ cho-labhairt air a cur air chois le Pròiseact nan Ealan (PnE) còmhla ri Fòram GASD, (Leasachadh Ro-innleachdail nan Ealan Gàidhlig) – co-obrachadh de bhuidhnean ealain bun-mhaoinichte Gàidhlig a tha ag obair còmhla airson Ealain Ghàidhlig san àm ri teachd a leasachadh ann an dòigh ro-innleachdail.
‘S i a’ cho-labhairt a’ chiad tè de seòrsa ann an deich bliadhna agus tha i a’ tighinn aig àm nuair a tha ealain Ghàidhlig is an cànan fhèin aig crois-rathaid. Le Plana Nàiseanta Cànan na Gàidhlig, tighinn Alba Chruthachail agus Achd a’ Chultair air fàire, gun iomradh a thoirt air an t-seanal ùr didseatach TBh Gàidhlig a tha mun oisean, feumaidh ealain na Gàidhlig gluasad air adhart gu ro-innleachdail.
Bheir a’ cho-labhairt cothrom sònraichte dha luchd-ealain na Gàidhlig, rianadairean agus adhartaichean a thighinn còmhla a bhruidhinn, a dh’èisteachd is a chumail eadar-cheanglaichean. Bidh raon de dh’òraidichean brosnachail is togarrach à Alba agus bhon taobh a-muigh aig an tachartas a thuilleadh air caochladh bhuidhnean sgaraichte a’ deasbaid chuspairean ghnàthaichte mar a leanas: maoineachadh, leasachadh luchd-amais, trèanadh is adhartachadh agus dòigh-obrachaidh is dleastanas nam meadhanan ùra. Bidh cothrom ann cuideachd frèam cultarach Gàidhlig, a dh’obraicheas le Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus Alba Chruthachail, a chur air dòigh.
Thuirt Art Carmac, Stiùiriche Fèisean nan Gàidheal: "Tha sinn an dòchas nach e dìreach ‘bùth bruidhneach’ a bhios sa cho-labhairt idir - ged a tha còmhradh an-còmhnaidh buannachdail – ach gun comharraich i agus gum foillsich i cuid de na pròiseactan luachmhor a mhaoinich GASD thairis air an dà bhliadhna mu dheireadh, a thuilleadh air an obair a tha caochladh de bhuidhnean-ealain Gàidhlig a’ dèanamh. Chan eil teagamh sam bith agam nach eil na h-Ealain Ghàidhlig a’ cruthachadh faireachdainnean taiceil a thaobh na Gàidhlig, agus tha rannsachadh air dearbhadh gur iad, mar as trice, a tha a’ brosnachadh dhaoine gus an cànan ionnsachadh. Tha a’ cho-labhairt seo a’ tachairt ann an deagh àm ri linn foillseachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig o chionn ghoirid agus an dleastanais a th’ ann ro-innleachd airson tuilleadh leasachaidh de na h-Ealain Ghàidhlig a dhealbh.”
Tha an tachartas a’ cuimseachadh air na h-uile a tha ag obair ann an roinn nan ealan Gàidhlig. Bidh a h-uile cruth ealain ann agus gheibh riochdairean bho coimhearsnachdan dùthchail is bailteach cothrom air a dhol an sàs ann an còmhradh is deasbad. Bu chòir dha luchd-ealain, eagraichean ealain, tuitearan is luchd-foghlaim, manaidsearan ionadan ealain, buidhnean coimhearsnachd agus na h-uile aig a bheil ùidh sna h-ealain Ghàidhlig an tachartas seo a fhrithealadh. Thathas a’ brosnachadh luchd-poileasaidh is rianadairean maoineachaidh a bhith an làthair gus guth an luchd-ealain a chluinntinn.
Thuirt Kirstie Anderson Manaidsear Leasachaidh Luchd-amais GASD: “’S e deagh chothrom a tha seo sùil a thoirt air an adhartas a tha na h-Ealain Ghàidhlig air a dhèanamh anns na 10 bliadhna mu dheireadh, air far a bheil sinn an-dràsta agus air far a bheil sinn an dùil a dhol. Chuir GASD làn rannsachaidh air adhart an-uiridh mu bhuaidh is iarrtasan airson nan Ealan Gàidhlig, a’ leantainn bho rannsachadh co-chosmhail a chaidh a dhèanamh ann an 1996. Tha seo a’ toirt cothrom dhuinn fàs nan ealan Gàidhlig thar nan 10 bliadhna mu dheireadh a thomhas, agus tha e a’ tabhann mothachadh làidir air far a bheil sinn an-dràsta. Fosglaidh a’ cho-labhairt seo a-mach agus bheir i cothrom dha na h-uile pàirt a ghabhail san deasbad agus cuidichidh i le adhartachadh nan ealan Gàidhlig”.
Cìs leabhrachaidh £15, a’ gabhail a-steach lòn. Feumar leabhrachadh ro 4 Cèitean oir tha àitean cuibhrichte. Gheibhear air foirm leabhrachaidh a luchdachadh a-nuas aig www.gaelic-arts.com agus tha bursaraidhean rim faighinn. Faodar fios a chur gu Marisa NicDhòmhnaill aig Pròiseact nan Ealan (01851 704493, Marisa@gaelic-arts.com), no gu Iona NicDhòmhnaill aig Fèisean nan Gàidheal (01478613355, iona@fesisean.org). Tuilleadh fiosrachaidh agus liosta òraidichean ri fhaighinn sna seachdainean ri thighinn.
Tha a’ cho-labhairt maoinichte le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Comhairle nan Ealan Gàidhlig.