De tha dol?

AITHISG AIR DEALBH EALAIN AIR A FOILLSEACHADH

Chaidh prìomh aithisg air na h-ealain Ghàidhlig fhoillseachadh air 19mh Dàmhair aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail sa Ghearastan. Chaidh an aithisg, a bharantaich Pròiseact nan Ealan (PnE), ann an co-bhoinn le Fòram GASD (Leasachadh Ro-innleachdail nan Ealan Gàidhlig), a sgrìobhadh le Donna Choineagain, Stiùiriche Firefly Productions, agus tha i stèidhichte air toraidhean Dealbh Ealain, a’ Cho-labhairt Ealain Ghàidhlig a chumar anns An Lanntair, Steòrnabhagh, na bu tràithe den bhliadhna.

Thuirt Kirstie Anderson, Manaidsear Leasachaidh Luchd-amais GASD: "Tha an aithisg na sgrìobhainn luachmhor dha neach sam bith a tha ag obair ann, no an lùib nan ealan Gàidhlig, oir tha i a’ toirt dealbh soilleir air ar suidheachadh aig an àm tha làthair, a thuilleadh air a bhith a’ toirt cunntas air ar n-adhartas thairis air na 10 bliadhna a dh’fhalbh agus far a bheil dùil againn a dhol. Tha an aithisg a’ sealltainn ris an dealbh mhòr, a’ socrachadh nan ealan Gàidhlig ann an suidheachadh eadar-nàiseanta, ach tha i cuideachd a’ foillseachadh tapachd na h-obrach làitheil. Tha geàrr-chunntasan innte de phrìomh òraidean, bhùthan-obrach agus sgrùdaidhean-cùise na co-labhairt – a’ gabhail a-steach modalan de shàr-chleachdadh leithid Ceòlas, Ùr Sgeul agus Fèisean nan Gàidheal. Tha i cuideachd a’ dèanamh rannsachadh air cuspairean làithreach leithid nam Meadhanan Ùra agus Leasachadh Luchd-amais. ‘S i aithisg a th’ innte a tha gu sònraichte buntainneach le mòran de dheasbadan practaigeach is mholaidhean”.

Bha a’ cho-labhairt na tachartas air leth soirbheachail agus a thuilleadh air a bhith a’ deasbaid mu phrìomh chùisean, bha i na deagh chothrom dha còrr air 100 riochdaire bho choimhearsnachd nan ealan Gàidhlig a thighinn còmhla agus an craic a mhealtainn – a’ comharrachadh nan ealan tro chuirm cho-labhairt is chèilidh far an robh còmhlain òga roc, còisirean,agus dràma òigridh – a’ foillseachadh cuid den obair ùr as fheàrr a thathas a’ coileanadh sna h-ealain Ghàidhlig. Gu riatanach thug a’ cho-labhairt cothrom do luchd-cleachdaidh nan ealan Gàidhlig a bhith a’ deasbaid is a’ beachdachadh air na tha fa-near dha na h-ealain Ghàidhlig, agus buaidh a thoirt air an t-slighe air adhart le bhith a’ beachdachadh air a’ chiad dreach de Ro-innleachd nan Ealan Gàidhlig, agus a’ cur aonta ri Fòram GASD airson stiùireadh a ghabhail os làimh aig an àm inntinneach seo. Tha Ro-innleachd nan Ealan Gàidhlig a-nise aig na h-ìrean deireannach de bheachdachadh le prìomh bhuidhnean mar Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Ealain na h-Alba (SAC) agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE).

Thuirt Calum MacGhillEain, Stiùiriche Pròiseact nan Ealan (ball de Fòram GASD): “Tha Plana Nàiseanta na Gàidhlig a’ cruthachadh cothrom dha ealain is cultar na Gàidhlig airson ìre ùr a choileanadh ann an sùilean luchd-poileasaidh is luchd-maoineachaidh. Chaidh Ro-innleachd nan Ealan Gàidhlig 2008 – 2012 a chruthachadh an dèidh mòran beachdachaidh taobh a-staigh Fòram GASD agus co-chomhairleachaidh fharsaing anns na coimhearsnachdan Gàidhlig. Chaidh an Ro-innleachd fhoillseachadh aig co-labhairt Ghàidhlig eadar-nàiseanta nan ealan, Dealbh Ealain, ann an Steòrnabhagh is chaidh a h-aontachadh le còrr is 100 riochdaire a bha an làthair.

"B’ e Bòrd Na Gàidhlig, SAC agus HIE a dh’iarr an Ro-innleachd mar dhòigh air aontachadh ri clàr-gnothaich leasachaidh coitcheann airson nan ceithir bliadhna air thoiseach. Tha taic aice bhon sgrùdadh mhòr coimhearsnachd a ghabh Oilthigh Caledonian Ghlaschu agus sàr aithisg Donna Choineagain air a’ Cho-labhairt, Dealbh Ealain, os làimh. Thèid i air adhart a-nis gu buidhnean nàiseanta agus ùghdarrasan ionadail ann an dùil ri gabhail deimhinnte.”

Thuirt neach-cunntais na Co-labhairt, Donna Choineagain: “ Bha a’ phrìomh cho-labhairt seo airson nan Ealan Gàidhlig air a deagh fhrithealadh agus bha i comharraichte airson an t-seasaimh dheimhinnte a chaidh fhoillseachadh co-cheangailte ri leasachadh san àm ri teachd. Dh’fhoillsich prìomh òraidean agus na bùthan-obrach a fhritheil na riochdairean raon farsaing de bheachdan macmeanmnach is adhartach. Air am filleadh san aithisg bidh na beachdan sin cudromach ann a bhith a’ soillseachadh na slighe air adhart dha na h-ealain Ghàidhlig.”