GASD AIG MÒD NÀISEANTA RÌOGHAIL 2007
Chaidh Dealbh Ealain, a’ chiad cho-labhairt ealain Ghàidhlig ann an 10 bliadhna, a chumail ann an Steòrnabhagh sa Chèitean 2007. Air a cur air chois le Pròiseact nan Ealan (PnE), ann an co-bhoinn le GASD Fòram (Leasachaidh Ro-innleachdail nan Ealan Gàidhlig), tharraing a’ cho-labhairt ri chèile luchd-ealain, luchd-maoineachaidh, luchd-amhairc agus luchd-seilbhe airson tachartas 2 latha gus beachdachadh is deasbad mu na tha air thoiseach air na h-ealain Ghàidhlig. On uair sin, tha Donna Choineagain, Stiùiriche Firefly Productions, air a bhith a’ sgrìobhadh aithisg na co-labhairt ris a bheilear gu dealasach a’ feitheamh – agus a bhios air a foillseachadh aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail air 19mh Dàmhair sa Ghearastan.
Thuirt neach-cunntais na Co-labhairt, Donna Choineagain: “ Bha a’ phrìomh cho-labhairt seo airson nan Ealan Gàidhlig air a deagh fhrithealadh agus bha i comharraichte airson an t-seasaimh dheimhinnte a chaidh fhoillseachadh co-cheangailte ri leasachadh san àm ri teachd. Dh’fhoillsich prìomh òraidean agus na bùthan-obrach a fhritheil na riochdairean raon farsaing de bheachdan macmeanmnach is adhartach. Air am filleadh san aithisg bidh na beachdan sin cudromach ann a bhith a’ soillseachadh na slighe air adhart dha na h-ealain Ghàidhlig.”
Fhuair a’ cho-labhairt buannachd bho, agus chuir i ri, fìor fhaireachdainn misneachail mu na h-ealain Ghàidhlig, agus dh’fhoillsich i spiorad subhachais mun t-suidheachadh làithreach. Bha cothrom ann beachdachadh air Ro-innleachd Nàiseanta nan Ealan Gàidhlig, a tha a cheana ga h-adhartachadh le Fòram GASD agus a tha sna h-ìrean beachdachaidh deireannach le prìomh luchd-seilbh leithid Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Ealain na h-Alba (SAC) agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE). Seallaidh an ro-innleachd an t-slighe air adhart dha na h-ealain Ghàidhlig sna bliadhnachan ri teachd, gu h-àraidh aig an àm chaochlaideach seo, an taobh ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig, seanal ùr didseatach Gàidhlig, follaiseachd Alba Chruthachail agus Achd a’ Chultair ris a bheil dùil a dh’aithghearr.
Thuirt Calum MacGhillEain, Stiùiriche Pròiseact nan Ealan (ball de Fòram GASD): “Tha Plana Nàiseanta na Gàidhlig a’ cruthachadh cothrom dha ealain is cultar na Gàidhlig airson ìre ùr a choileanadh ann an sùilean luchd-poileasaidh is luchd-maoineachaidh. Chaidh Ro-innleachd nan Ealan Gàidhlig 2008 – 2012 a chruthachadh an dèidh mòran beachdachaidh taobh a-staigh Fòram GASD agus co-chomhairleachaidh fharsaing anns na coimhearsnachdan Gàidhlig. Chaidh an Ro-innleachd fhoillseachadh aig co-labhairt Ghàidhlig eadar-nàiseanta nan ealan, Dealbh Ealain, ann an Steòrnabhagh is chaidh a h-aontachadh le còrr is 100 riochdaire a bha an làthair.
"B’ e Bòrd Na Gàidhlig, SAC agus HIE a dh’iarr an Ro-innleachd mar dhòigh air aontachadh ri clàr-gnothaich leasachaidh coitcheann airson nan ceithir bliadhna air thoiseach. Tha taic aice bhon sgrùdadh mhòr coimhearsnachd a ghabh Oilthigh Caledonian Ghlaschu agus sàr aithisg Donna Choineagain air a’ Cho-labhairt, Dealbh Ealain, os làimh. Thèid i air adhart a-nis gu buidhnean nàiseanta agus ùghdarrasan ionadail ann an dùil ri gabhail deimhinnte.”