MAOINEACHADH ÙR DO NA H-EALAIN GHÀIDHLIG
An t-seachdain seo thèid ainmeachadh gu bheil maoin de £400,000 gu bhith air a thoirt seachad airson na h-ealain Ghàidhlig a bhrosnachadh thairis air trì bliadhna.
Tha a’ mhaoin a’ comharrachadh ceangal mòr às ùr eadar na buidhnean ann an earrannan culturach agus cànanach Alba. Tha £250,000 dhen t-suim seo a’ tighinn bho Chomhairle Ealain na h-Alba agus an còrr bho Bhòrd na Gàidhlig. Thèid a ruith le Proiseact nan Ealan tron bhuidheann GASD – fòram-leasachaidh roi-innleachd nan ealain Gàidhlig.
Bheir a’ mhaoin cuideachadh do thrì raointean-obrach: leasachadh luchd-amharc/èisteachd, leasachadh sgilean agus misneachadh nan ealain faicsinneach. Thèid fiosrachadh mionaideach fhoillseachadh mu na riaghailtean agus na dòighean obrach mu dheireadh an t-samhraidh.
Bheirear airgead airson barrachd taic a thoirt, agus barrachd margaidheachd a dhèanamh, air na h-ealain Ghàidhlig san fharsaingeachd. Bidh sreath ùr togarrach san amharc le greisean-ealain agus cothroman-trèanaidh na lùib, agus cudthrom ga chur air dòighean obrach sùbailte a chuidicheas an òigridh gu bhith a’ cur ri na sgilean aca.
Thuirt Stiùiriche Phroiseact nan Ealan, Calum MacIlleathain: “Bheir maoineachadh airson nan ealain faicsinneach cothrom airson smaointean ùra, a bheir comas dhuinn a’ chuid as fheàrr dhe na h-ealain Ghàidhlig, ge b’ e dè an cruth anns am bi iad, a thoirt mu choinneimh cho mòr de luchd-amhairc/èisteachd ’s a ghabhas. ’S ann air mathas agus air gluasadachd a bhios sinn a’ cur cudthrom.”
Thathas an dùil gu nochd proiseactan mòra làidir gach bliadhna a leanas air an t-seòrsa soirbheachadh a chunnacas le proiseact Leabhar Mòr na Gàidhlig, proiseact cliùiteach, ioma-mheadhan a chaidh a chur air bhog le prìomh mhinistear na h-Alba, Jack MacConnell an uiridh, agus a tha an-dràsta air tòiseachadh a’ siubhal an t-saoghail fad chòig bliadhna.