NA H-EALAIN GHÀIDHLIG DEATAMACH DO CHOR NA GÀIDHLIG
Tha a’ mhòr-chuid de dhaoine sna h-Eileanan Siar agus san Eilean Sgitheanach is Loch Aillse dhen bheachd gu bheil na h-ealain Ghàidhlig riatanach do dh’ath-nuadhachadh agus leasachadh na Gàidhlig. Ged as e dibhearsain agus soillearachadh prìomh amasan nan ealain Gàidhlig, tha suirbhidh ùr a’ sealltainn mar a tha iad a’ toirt buaidh air beachdan pearsanta agus beachdan choimhearsnachdan agus air giùlan dhaoine ann an caochladh dhòighean.
’S e an suirbhidh as motha a chaidh a chumail riamh air Ghàidhlig agus na h-ealain a th’ ann an ‘Rannsachadh Mòr’, agus fhuaras 1,250 freagairt às dèidh a sgaoileadh gu 1 taigh anns gach 4 sna h-Eileanan Siar agus san Eilean Sgitheanach is Loch Aillse. Tha an rannsachadh a’ dearbhadh ceangal cudromach eadar an h-ealain Ghàidhlig agus cor na Gàidhlig, le 80% de dhaoine a fhreagair dhen bheachd gu bheil leudachadh agus leasachadh sna h-ealain Ghàidhlig deatamach do ghleidheadh na Gàidhlig. Sheall an sgrùdadh cuideachd gu bheil 77% de dhaoine a fhreagair a’ coimhead air na h-ealain Ghàidhlig mar bhrosnachadh mòr do dh’òigridh a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig agus a bhith leudachadh an cuid Gàidhlig, agus gu bheil an treas pàirt de dhaoine a chaidh a thomhas san t-suirbhidh aig a bheil clann aois sgoile ag ràdh gun do phiobraich tachartasan (Gaelic artistic activities) ealain Gàidhlig iad a bhith deònach coimhead ri Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.
Tha an rannsachadh a’ cur ri sgrùdadh eile dhen aon seòrsa, a rinn Oilthigh Caledonian Ghlaschu ann an 1996, agus tha na builean gu sònraichte luachmhor seach gun urrainnear coimeas a dhèanamh ri builean roimhe seo, agus sin a’ ciallachadh gun urrainnear coimhead air mar a tha beachdan agus giùlan dhaoine air atharrachadh thar nan deich bliadhna a dh’fhalbh. ’S e aon de na atharrachaidhean as motha a thachair san ùine sin gu bheil barrachd dhaoine a’ creidsinn gu bheil na h-ealain agus an cultar Gàidhlig riatanach do leasachadh eaconomach sna bliadhnaichean ri thighinn ann an sgìrean an t-suirbhidh, agus 70% de dhaoine a fhreagair thar gach roinn socio-eaconomach a-nis dhen bheachd sin.
Chaidh an rannsachadh a bharantachadh le Pròiseact nan Ealan às leth GASD. ’S iad an t-Ollamh Alan Sproull agus an Dotair Dùghlas Chalmers bho Sgoil Ghnìomhachais Oilthigh Caledonian Ghlaschu a rinn an sgrùdadh.
A’ bruidhinn air na prìomh bhuilean thuirt an t-Ollamh Sproull:t “B’ ann àrd-mhiannach (ambitious) a bha an suirbhidh ann a bhith sireadh bheachdan an t-sluaigh air an dàimh thoinnte eadar cultar, ealain agus cànan nan Gàidheal. Tha na freagairtean a’ sealltainn gu bheil mòr-chuid shusbainteach de dhaoine dhen bheachd gu bheil iad a’ crochadh air a chèile ann an dòigh bhunaiteach. Tha eadar 70 is 80% de dhaoine a chaidh a thomhas a’ faicinn adhartachadh na Gàidhlig mar rud riatanach do chultar eadar-dhealaichte Innse Gall; tha iad a’ coimhead air cultar Gàidhlig mar rud a tha an urra ri saoghal ealain (artistic activity) a tha fallain agus a’ leudachadh; nam beachd tha na h-ealain deatamach do ghleidheadh a’ chànain agus tha iad nan seòl cudromach gus òigridh a bhrosnachadh gus a bhith ag ionnsachadh a’ chànain no a bhith cur lìomh air an cuid Gàidhlig.
“Tha an suirbhidh a’ daingneachadh a’ bheachd gu bheil na h-ealain Ghàidhlig bunaiteach do leasachadh cultair agus cànain a thaobh na Gàidhlig. Tha seo a’ ciallachadh gum bu chòir do phlana leasachaidh na Gàidhlig ann an Alba sùim a ghabhail dhen dàimh dhomhainn eadar-thoinnte a th’ ann eadar foghlam agus ‘na h-ealain’ mar ro-innleachd adhartachaidh dhan Ghàidhlig.”
A bharrachd air beachdan is smuaintean, choimhead an rannsachadh cuideachd air cleachdadh nan ealain agus iarrtas air na h-ealain Ghàidhlig. Tha na builean a’ dearbhadh gu bheil àrd-iarrtas ann airson ealain agus cultar a tha os cionn a’ chuibheis nàiseanta, ’s a tha fàs agus a’ tighinn bho gach roinn dhen t-sluagh. Am bacadh as motha air a dhol an sàs agus frithealadh ’s e cothrom pàirt a ghabhail – an dà chuid air sgàth far a bheil daoine a’ fuireach agus, gu sònraichte a thaobh telebhisein – clàr-ama nam prògraman. A’ bruidhinn mu na builean seo thuirt Manaidsear Leasachaidh an Luchd-èisteachd do GhASD Kirstie Anderson: “Tha na freagairtean bhon t-suirbhidh a’ toirt dhuinn stòras luachmhor de dh’fhiosrachadh mu dè na rudan anns a bheil ùidh aig daoine an-dràsta a thaobh nan ealain, agus mun dòchas a th’ aca airson na h-ama ri teachd, agus bidh seo air leth feumail le bhith leudachadh an luchd-amhairc/-èisteachd agus sheirbheisean airson nan ealain Gàidhlig.”
Chuir Calum MacGill-Eain, Stiùiriche Phròiseact nan Ealan, fàilte air an aithisg agus thuirt e: “Tha an suirbhidh seo a’ sealltainn gu bheil misneachd a tha a’ sìor fhàs aig na coimhearsnachdan sna sgìrean Gàidhlig sa chànan agus sa chultar aca fhèin. Tha e na thogail a bhith faicinn builean cho dòchasach bho shuirbhidh a bha cho mòr is farsaing. Tha beachd aig a h-uile duine air cùisean co-cheangailte ris na h-ealain, cànan agus cultar ach ’s e glè bheag de rannsachadh neo-eisimeileach air na beachdan gu lèir aig a’ choimhearsnachd a chaidh a dhèanamh. Tha an aithisg seo a’ toirt seachad fianais shoilleir gu bheil a’ choimhearsnachd a’ coimhead air na cùisean seo mar rud glè chudromach agus ’s e goireas ùr prìseil a th’ ann do luchd-poileasaidh.”
Thuirt Cathraiche GASD Agnes Rennie: “Tha builean an t-suirbhidh a’ dearbhadh gu làidir mar a tha rudan a’ tachairt gu cunbhalach air feadh nan sgìrean seo ann an raon nan ealain Gàidhlig. Tha na h-Ealain Ghàidhlig air soirbheachadh a thaobh a bhith toirt buaidh air an eaconomaidh agus air ath-nuadhachadh choimhearsnachdan, agus ’s urrainn dhuinn a-nis fianais fharsaing is dhearbhte a bhuileachadh gus dèanamh cinnteach gun cùm taic agus maoineachadh a a’ dol aig ìre fhreagarrach.”
A rèir Cathraiche Iomairt na Gàidhealtachd Uilleam Roe: “’S e comharra anabarrach cudromach a th’ anns an rannsachadh seo air na buaidhean matha agus susbainteach a th’ aig na h-ealain Ghàidhlig agus gnothaichean cultarach ann a bhith brosnachadh leasachadh na Gàidhlig air feadh na sgìre. Tha seo an uair sin a’ cruthachadh dàimh làidir ris an àite, agus sin a’ meudachadh misneachd agus spionnadh am measg choimhearsnachdan is ghnìomhachasan, agus seo uile aig a’ cheann thall ag adhartachadh leudachadh eaconamach seasmhach air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan.”
Thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig Ailean Caimbeul: “Tha Bòrd na Gàidhlig glè mhothachail dha cho cudromach ’s a tha na h-ealain ann a bhith tomhas na h-ùidh a th’ aig coimhearsnachdan ann an Gàidhlig agus cho cudromach ’s a tha iad mar dhrochaid dha bhith ag ionnsachadh a’ chànain agus dha bhith dol an sàs sa chultar. ’S e sin an t-adhbhar a bha e na thoileachas dhan Bhòrd an obair seo a mhaoineachadh. Tha am Bòrd a’ cur fàilte air foillseachadh an rannsachaidh seo agus tha e a’ cur meal-a-naidheachd air GASD agus air an t-Ollamh Sproull.
“Bidh am fiosrachadh ùr seo glè fheumail nuair a thig e gu bhith deasachadh na dreachd mu dheireadh de Phlana Nàiseanta na Gàidhlig, agus nuair a thig e gu bhith ga chur an gnìomh. Bidh e air leth feumail do bhuidhnean poblach fhad ’s tha iad a’ deisealachadh agus a’ cur an gnìomh na Planaichean Gàidhlig aca. Bheir am fiosrachadh seo, a tha a’ dearbhadh gu bheil barrachd dhaoine a’ gabhail ùidh ann agus a’ gabhail pàirt ann cultar na Gàidhlig, barrachd aithne do dhaoine agus togail mhòr do choimhearsnachdan Gàidhlig air feadh Alba.”
Chaidh an aithisg a mhaoineachadh le Comhairle Ealain na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig, agus chaidh fhoillseachadh an-diugh (Diluain 27mh An t-Samhain) ann am Prìomh Oifis Bhòrd na Gàidhlig ann an Inbhir Nis le Cathraiche HIE Uilleam Roe, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig Ailean Caimbeul agus le Cathraiche GASD Agnes Rennie. Tha GASD agus PnE a’ cur luach air an taic phrìseil a tha HIE a’ toirt do leasachadh Gàidhlig agus nan ealain Gàidhlig.