Tha fàilte air luchd-ionnsachaidh gu na tachartasan gu lèir!
‘S e a tha cudromach faighinn ann , èisteach ris a’ chànan ga bhruidhinn, agus feuchainn ri bruidhinn far an urrainnear sin a dhèanamh. Tha mòran de na tachartasan nan deagh dhòigh air do Ghàidhlig a thoirt air adhart agus air cothrom air luchd-ionnsachaidh eile/fileantaich Ghàidhlig a choinneachadh.
Tha tòrr de na tachartasan ealain Gàidhlig nach eil a’ cur feum air sgilean cànain – gu tric ‘s ann a tha tachartasan a’ rannsachadh agus fo bhuaidh cultar na Gàidhlig.
Agus mas e Gàidhlig a thathas a’ cleachdadh aig tachartas sònraichte, gabh ris nach tuig thu a h-uile facal ach na cuireadh sin dheth thu. Cho fad ‘s a ghabhas, tha sinn a’ feuchainn ri barrachd taic fhaighinn dha luchd-ionnsachaidh le giorrachaidhean is eadar-theangachaidhean
Ma tha beachdan sam bith agad mu bhith a’ dèanamh na Gàidhlig nas ruigsinniche dha luchd-èisteachd cuir fios thugainn!
Nì sinn ar dìcheall tachartasan a bhiodh feumail dha luchd-ionnsachaidh, aig nach eil Gàidhlig no glè bheag dhith, a chomharrachadh. Tha sinn airson gum bi thu nad phàirt den chjoimhearsnachd againn.