Tha Sabhal Mòr Ostaig air Mgr Boyd Robasdan ainmeachadh mar a neach a ghabhas àite an Ollamh Tormod MacGilliosa mar Stiùiriche an t-Sabhail nuair a leigeas an t-Ollamh MacGilliosa dheth a dhreuchd aig deireadh na bliadhna.
Rugadh agus thogadh Mgr Robasdan (59), ann an Uibhist a Tuath, agus chaidh e tron fhoghlam ann an Àrd Sgoil Phort Rìgh, Oilthigh Obar Dheathain agus Colaiste Foghlam Obar Dheathain. An dèidh 10 bliadhna a’ teagaisg Gàidhlig ann an Àrd Sgoil an Obain, fhuair e dreuchd òraidiche ann an Colaiste Foghlam Chnoc Iordan, agus, nuair a chaidh Cnoc Iordan agus Oilthigh Srath Chluaidh còmhla, rinneadh Àrd Òraidiche agus an uairsin Leughadair ann an Gàidhlig dheth.
A’ foillseachadh an naidheachd, thuirt an Siorram Ruaraidh Iain MacLeòid, Cathraiche Urrasairean an t-Sabhail Mhòir:-
“Tha e na thlachd sònraichte dhomhsa a bhith ag ainmeachadh Boyd Robasdan mar Stiùiriche ur an t-Sabhail Mhòir. Tha mi air a bhith eòlach air Boyd bho bha sinn an Sgoil Phort Rìgh còmhla. ‘S e duine a th’ ann a tha air a bhith am bogadh ann an saoghal na Gàidhlig bho rugadh e: duine a tha air obair mhòr agus ionmhalta a dhèanamh as leth na Gàidhlig, agus seach gu h-àraid foghlam Gàidhlig, mar tha agus a chuireas gu mòr ris a sin mar Stiùiriche an t-Sabhail. Chan e rud furasta a tha ann àite Thormoid MhicGilliosa a ghabhail ach tha tri rudan a’ fàgail gu bheil Boyd gu h-àraidh freagarrach mar Stiùiriche aig an dearbh àm a tha seo ann an eachdraidh na Colaiste: an t-eòlas domhainn agus mionaideach a th’ aige air saoghal na Gàidhlig; an t-eòlas a th’ aige air cò ris a tha e coltach colaiste a bhith a gluasad gu ire oilthigh, mar a bhios duil a thachras dhan t-Sabhal Mhòr mar phàirt de OGE Institiùd nam Mile Bliadhna; agus an t-eòlas a th’ aige air trèanadh luchd-teagaisg airson a bhith a’ teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig, rud anns am bheil duil aig Sabhal Mòr Ostaig a bhith an sàs gu mòr bho seo a mach. Tha na h-Urrasairean dearbhte gur e Boyd an duine airson dèiligeadh ris na dubhlanan a tha an lùib nan rudan sin agus tha sinn air leth toilichte a bhith ga chuir dhan dreuchd.”
Thuirt Mgr Robasdan fhein:-
‘Tha mi anabarrach toilichte an cothrom seo fhaighinn Colaiste Ghàidhlig na h-Alba a stiùireadh aig àm cho cudromach ann an eachdraidh na cànain. Tha an Sabhal aig cridhe nan oidhirpean gus a’ chànan ath-bheothachadh agus bhithinn a’ sùileachadh gum biodh a’ Cholaiste gu dlùth an sàs ann an iomairtean mar Phlana Nàiseanta na Gàidhlig, an Sianal Gàidhlig, BBC Alba, agus an Oilthigh ùr a th’ air fàire air a’ Ghàidhealtachd. Tha a’ Cholaiste air a deagh uidheamachadh airson cur ri leasachaidhean sa chànan agus sa chultar ri lìnn na h-obrach ionmhalta a tha an Stiùiriche a tha san dreuchd an-dràsta, t-Oll Tormod MacGilliosa, a cho-obraiche, Iain Tormod MacLeòid, agus an sgioba tàlantach aca air a dhèanamh thairis air na bliadhnaichean’.