MG ALBA A’ DÈANAMH GÀIRDEACHAS RI ÀIREAMHAN LUCHD-AMHAIRC BBC ALBA

MG ALBA A’ DÈANAMH GÀIRDEACHAS RI ÀIREAMHAN LUCHD-AMHAIRC BBC ALBA

October 30th 2008

Chuir MG ALBA, Seirbheis nam Meadhanan Didseatach Gàidhlig, fàilte air na h-àireamhan de luchd-coimhid an-diugh (Diluain) a chaidh fhoillseachadh do BhBC ALBA, an sianal telebhisein ùr Gàidhlig, gun robh còrr is 600,000 luchd-coimhid a’ cleachdadh na seirbheis tro chiad sheachdain.

Tha gnìomhaichean an t-sianail a’ mìneachadh soirbheachadh na ciad sheachdain gun robh taghadh àraidh tarraingeach de phrògraman air an tabhann don neach-coimhid.

Sheall toraidhean an rannsachaidh gu bheil:

Fada a bharrachd dhaoine a’ coimhead BBC ALBA na tha ann de luchd-bruidhinn na Gàidhlig, a’ comharrachadh ùidh am measg sluagh nas fharsaing na h-Alba Gàidhlig air a faicinn mar phàirt chudromach ann am beatha is dualchas na h-Alba Luchd-coimhid air Ghaidhealtachd is sna h-Eileanan, agus prìomh luchd-amhairc na Gàidhlig, a’ measadh an t-sianail mar rud a tha gu sònraichte a’ buntainn dhaibhsan 'S e seirbheis cho-bhanntachd eadar MG ALBA agus am BBC a tha ann am BBC ALBA.

Thuirt Alasdair Moireasdan, cathraiche MG ALBA, Seirbheis nam Meadhanan Didseatach Gàidhlig: “Tha na h-àireamhan coimhid gu mòr brosnachail agus nan samhla den dealas ris an do choinnich sinn air feadh Alba airson an t-sianail ùir.

“Tha na h-àireamhan gu sònraichte tlachdmhor nuair a smaoinicheas tu gur ann tro Sky is Freesat a tha an sianal air a chraobh-sgaoileadh. Fhuair sinn pailteas bheachdan bho choimhearsnachdan Gàidhlig agus Gallta gu bheil fìor mhiann ann gum bi an sianal ri fhaotainn ann an dòigh nas fharsainge ann an ùine nach bi fada.

“Bu mhath meal-an-naidheachd a chur air a h-uile duine a tha an sàs a bha ag obair gu cruaidh gus soirbheachadh a dhèanamh dhen t-sianal bhon toiseach.”

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd Oifeagar MG ALBA agus cathraiche bòrd sgrùdaidh an t-sianail: “Bha cur-air-bhog glè shoirbheachail againn aig iomadach ìre, agus tha e gu h-àraidh tlachdmhor gun robh buaidh cho mòr aig an t-sianal gu nàiseanta agus air luchd-amhairc na Gàidhlig a dh’aindeoin co-fharpais fharsaing air lìonraidhean telebhisein didseataich. Tha sinn ro mhothachail air an dùbhlan bhunasach romhainn gus an sianal a bhonntachadh mar phàirt làitheil telebhisein Albannaich, ach tha an rannsachadh na mhisneachadh dhuinn gun urrainn agus bu choir coinneachadh ris na h-amasan a bha air an dèanamh le Urras a’ BhBC don t-seirbheis.”

Dh’fhoillsich naidheachd BBC ALBA an-diugh gun do lorg rannsachadh TNS System Three na leanas:

Gun do choimhead 15% de shluagh inbheach na h-Alba (no 610,000 luchd-coimhid) air tro chiad sheachdain. B’ iad luchd-coimhid air Ghaidhealtachd is sna h-Eileanan an luchd-cleachdaidh a bu mhotha le cha mhòr aon anns gach ceithir (23%) a’ coimhead air a’ chiad sheachdain. Bha 57% dhen mhòr-shluagh (2.3m daoine) mothachail air an t-sianal ùr. Bha BBC ALBA agus prògraman BBC ALBA air an craoladh air BBC 2 ri chèile a’ ruigsinn 860,000, 21% de shluagh inbheach na h-Alba. Sheall rannsachadh eile am measg luchd-coimhid aig an robh Gàidhlig le ionad Lèirsinn do cho-bhann MG ALBA/BBC:

Gun do choimhead 82% de luchd-bruidhinn na Gàidhlig le ruigsinneachd chun na seirbheis air an t-sianal tron chiad sheachdain. Choimhead 87% dhiubh sin còrr is dà uair a thìde de BhBC ALBA.