Tha Club Leabhraichean Ghlaschu air gluasad!

Tha Club Leabhraichean Ghlaschu air gluasad!

November 5th 2008

Tha Club Leabhraichean Ghlaschu air gluasad! Tha sinn a-nis gu bhith a’ coinneachadh ann an Cafaidh Sìth aig 459 Rathad Dhùn Bhreatainn, faisg air Stèisean Phartaig (faic an làrach-lìn aca airson stiùireadh gu far a bheil iad www.sithcafe.com ).

Bidh an ath choinneimh aig a’ Chlub Leabhraichean a’ gabhail àite air Dimàirt 11 Samhain aig 6.30f, nuair a thèid bruidhinn air Dìleas Donn, a’ chiad leabhar ann an sreath de thrì le Norma NicLeòid. Air Dimàirt 2 Dùbhlachd aig 6.30f, coinnichidh am buidheann a-rithist airson bruidhinn mu dheidhinn Am Bounty, an nobhail ùr le Iain F. MacLeòid.

Gheibh buill a’ Chlub lasachadh prìse luach 25% far gach leabhar Gàidhlig a tha air a thaghadh airson na coinneamhan ma thèid a cheannach ann am bùth Chomhairle nan Leabhraichean. Mar sin, feuch gun ainmich thu gu bheil thu nad bhall nuair a thig e gu àm pàighidh. Bidh fàilte ron a h-uile duine fiù ‘s ged nach robh thu aig coinneamh roimhe – ma tha ùidh agad ann an litreachas, tiugainn còmhla rinn.
www.gaelicbooks.org