A’ CHIAD CHUIRM BHEÒ OIDHCHE CHALLAINN AIR BBC ALBA

A’ CHIAD CHUIRM BHEÒ OIDHCHE CHALLAINN AIR BBC ALBA

December 11th 2008

Tha BBC ALBA gu bhith a’ cumail Cuirm bheò Challainn à Steòrnabhagh, dòigh iomchaidh air tòiseachadh an t-sianail ùir Ghàidhlig a chomharrachadh.

Bidh luchd-èisteachd ann an Studio Alba a’ dèanamh fìor shubhachas airson a’ Bhliadhn’ Ùr a thoirt a-steach ann an dòigh thraidiseanta le dannsa cèilidh agus taisbeanaidhean beò ciùil.

’S e Tony Kearney, rionnag bho River City, agus Mòrag Dhòmhnallach bho BBC Radio nan Gàidheal a bhios a’ toirt Bliadhna Mhath Ùr thugaibh agus bidh sàr luchd-ciùil na Gàidhlig ann leithid Julie Fowlis, Sìneag Nic an t-Saoir, Na h-Òganaich, ‘Our Small Capital’ agus Norrie MacIomhair, a thuilleadh air luchd-ciùil eile.

Thuirt Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman aig BBC ALBA: “Gu dearbh bidh cuimhne air 2008 ann an coimhearsnachd na Gàidhlig airson foillseachadh soirbheachail sianal ùr na h-Alba, BBC ALBA. Dè an dòigh a b’ fheàrr air bliadhna a’ bhogaidh a chomharrachadh na bhith a’ cumail ar pàrtaidh Bliadhn’ Ùire fhèin. Tha coltas air gum bi e na thaisbeanadh iongantach agus cha bu chòir a chall.”

Thuirt Tony Kearney, co-riochdaire Bliadhna Mhath Ùr, “Tha mi fìor thoilichte a bhith nam phàirt den chiad phàrtaidh Challainn a chaidh a chraoladh air an t-sianal Ghàidhlig, BBC ALBA. Tha mi air a bhith an sàs ann am mòran chuirmean rèidio tro na bliadhnachan agus mar sin tha mi gu mòr a’ coimhead air adhart ri bhith nam phàirt den chraoladh telebhisein fìor chudromach seo aig an àm subhachais seo. Cuimhnichibh a thighinn còmhla rinn airson cèilidh mhìorbhaileach air BBC ALBA.”

Bidh Bliadhna Mhath Ùr a’ tòiseachadh aig 23:30 air BBC ALBA. Chithear a’ chuirm a tha 1 uair a thìde agus 45 mionaidean, agus a thathar a’ craoladh aig an aon àm air Radio nan Gàidheal a’ BhBC, air sianal 168 Sky agus sianal 110 Freesat.

Ma tha sibh airson a bhith san èisteachd san stiùidio airson ciad chuirm Oidhche Challainn BBC ALBA, cuiribh fios gu Moira NicIomhair aig Bees Nees air Fòn: 0141 352 6666 no buzz@beesnees.tv