Tha Pròiseact nan Ealan(PnE) agus Murray International Language Centre (MiLC) toilichte innse gu bheilear a’ cur Seinn thu Fhèin – an DVD karaoke Gàidhlig air bhog. Thèid an DVD a chur air bhog aig fèis Celtic Connections air Dihaoine 23 Faoilleach. Bidh am foillseachadh ann an Centre for Contemporay Arts (CCA) a bhios a’ cumail a’ chiad Fhèis Ghàidhlig ann am Film is Ceòl, Film ‘s Craic bho 22 – 24 Faoilleach.
Dìreach mar an DVD fhèin, bidh an fhoillseachadh gu math aotrom, a’ cuimseachadh air teaghlaichean, sgoiltean, luchd-ionnsachaidh agus fileantaich a tha dèidheil air beagan karaoke. Tha Michelle Mhoireasdan, bhon chòmhlan chaileagan Teine, a’ seinn air an DVD agus bidh i a’ seinn òran no dhà Dihaoine. Thuirt Michelle, “Chòrd e rium fìor mhath a bhith an sàs ann am pròiseact Seinn Thu Fhèin, agus tha e math dha-rìribh gum faigh barrachd dhaoine air a dhol an sàs ann is a-nise an DVD ri fhaighinn. ‘S e fìor spòrs a th’ ann an Seinn thu Fhèin dhan fheadhainn aig a bheil a’ Ghàidhlig ach tha e cuideachd na inneal ionnsachaidh iongantach dhan fheadhainn a tha ag ionnsachadh. Bu chòir dha Seinn thu Fhèin a bhith aig a h-uile pàrtaidh!"
Bidh an còmhlan òg Gàidhlig, Na Rionnagan a’ riochdachadh Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus a’ cluich fear no dhà de na h-òrain aca fhèin agus a’ feuchainn a-mach an karaoke. Thathas an dòchas gun gabh ionadan foghlaim gu math ri Seinn thu Fhèin mar inneal annasach airson ionnsachadh a bhios taitneach dha daoine òga is teaghlaichean. ‘S e fìor dheagh dhòigh a th’ ann faighinn a-steach do chultar na Gàidhlig agus airson taic a chur ri prògram cànain sam bith.
Thuirt Manaidsear Leasachaidh Luchd-amais nan Ealan Gàidhlig, Kirstie Anderson, “Tha prògram Celtic Connections mìorbhaileach am-bliadhna agus tha sinn den bheachd gum bi daoine a’ ruith bho chonsairt gu consairt –chan eil gainnead de dheagh cheòl Gàidhlig is chultar ann an Glaschu, gu h-àraidh aig fèis Film ‘s Craic. Air sgàth seo bidh am foillseachadh goirid – mar sin ma tha thu ann an Glaschu thig ann, gabh deoch is grèim bidhe agus feuch air karaoke – no mur eil de mhisneachd agad a sheasas airson seinn buileach fhathast tha mi cinnteach gun còrd e a cheart cho math riut a bhith a’ coimhead chàch!”