Tha na turasan sònraichte a thug buidheann de sgrìobhadairean aithnichte le Cearcaill na Gàidhlig gu bhith aig cridhe tachartas ùr Gàidhlig aig Fèis Aye Write na bliadhna-sa ann an Glaschu.
A’ sgrìobhadh mu na turasan aca fhad ’s a bha iad a’ siubhail tro eileanan Innse Gall agus mòr-thìr taobh siar na Gàidhealtachd, tha na sgrìobhadairean air leabhran beag iongantach a thoirt dhuinn, a thèid nur pòcaid, le tiotal air leth iomchaidh, ‘Cearcaill na Gàidhlig’.
A thuilleadh air òraidean bho na ceathrar sgrìobhadairean, thèid na turasan aca a chur an cèill tro shreath de dhealbhan eireachdail aig a’ chiad tachartas Gàidhlig seo airson na Fèise, ’s iad na sgrìobhadairean:
§ Màiri NicArtair, neach-comhairleachaidh dualchais, sgrìobhadair agus sgeulaiche
§ Brian MacUilleim, a’ chiad deasaiche aig, agus b’ esan a stèidhich, Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich agus a chleachd a bhith na mhinistear riaghaltais
§ Dòmhnall Meek, fear-togail bhàtaichean, maraiche, sgrìobhadair agus sgoilear
§ Aonghas Pàdraig Caimbeul, bàrd, sgrìobhadair nobhailean, neach-naidheachd, craoladair agus cleasaiche film
A’ dèanamh sanasachd air saibhreas na Gàidhlig agus a dualchais, ’s ann stèidhichte air slighean Hopscotch® nan Eilean aig Caledonian Mac a’ Bhruthainn a tha na sia Cearcaill Ghàidhlig. Bheir na slighean sibh tro na h-eileanan bho Ìle gu Leòdhas, agus air tìr-mòr bho Ceann an Creige gu Ulapul.
’S e An Lòchran, am buidheann a tha a’ cur air adhart cultar agus ealain na Gàidhlig ann an Glaschu, a bhios a’ cur air dòigh an tachartais Ghàidhlig seo, agus ’s i an craoladair is riochdaire ainmeil Patsi NicCoinnich a bhios sa chathair.
Thuirt Màiri Bell, Cathraiche an Lòchrain: “’S ann toilichte dha-rìribh a tha mi gun urrainn don Lòchran Cearcaill na Gàidhlig a thoirt do dh’Fhèis Leabhraichean Aye Write. Tha e gu math iomchaidh gun cluinn sinn mu na turasan seo ann an Innse Gall agus air mòr-thìr taobh siar na Gàidhealtachd sa bhliadhna a tha daoine a’ Tilleadh a dh’Alba.”
Thuirt Joe Mac a’ Phì, bho Chomhairle nan Eilean Siar agus Ceannard a’ Phròiseict airson Cearcaill na Gàidhlig: “Tha luchd-compàirt a’ phròiseict gu mòr an comain an Lòchrain airson mar a chuir iad an tachartas ionmholta seo air dòigh. Tha sinn gu math dòchasach mu na thig à Cearcaill na Gàidhlig san àm ri teachd, aig àm a tha làn chothroman don Ghàidhlig agus a dualchas, agus do thurasachd ann an Alba.”
Thèid an ceathramh Fèis Aye Write! aig Banca na h-Alba a chumail ann an Leabharlann Mitchell bho 6 – 14 Màrt 2009.
Thèid na tachartasan airson Cearcaill na Gàidhlig a chumail thairis air dà oidhche:
§ Diluain 9 Màrt aig 7.30f, nuair a bhios na sgrìobhadairean Màiri NicArtair agus Brian MacUilleim an làthair
§ Dimàirt 10 Màrt aig 7.30f, nuair a bhios na sgrìobhadairean Dòmhnall Meek agus Aonghas Pàdraig Caimbeul an làthair