Tha sgioba Rapal air leth toilichte an treasamh Farpais Orain Ur Ghaidhlig aca a chuir air bhonn. Chaidh a chuir an ceill gu h-oifigeal air Rapal Tbh bho chionn ghoirid agus tha an sgioba gu leir a coimhead air adhart ri bhi a cluinntinn na h-orain ur a bhios daoine a cuir thuca.
“Se cothrom math dha rireabh a th’ann ruideigin gu tur ur agus eadar-dhealaichte fheuchainn” thuirt Niall Iain Domhnallach bho Rapal. “Tha sinn fhathast aig fior toiseach-toiseachaidh cuisean a thaobh a bhi a brosnachadh orain ur Ghaidhlig ‘s mar sin faodaidh daoine am mac-meanmna a chleachadh gus orain a chruthachadh a ghlacas aire a mhor-shluaigh.”
Dhearbh an fharpais mu dheireadh, a chaidh a bhuannachadh le Na Gathan as an Eilean Sgiathanach, gu bheil gu leòr ann a tha a’ feuchainn air òrain ùra a sgrìobhadh, ann an stoidhlichean adhartach, eadar-dhealaichte!
“Ged ‘s e obair dhuilich a bh’ann a bhi a taghadh direach aon oran son buannachadh bhon paillteas a fhuair sinn, chord e rinn oir bha a h-uile oran gu math eadar-dhealaichte, a thaobh stoidhle-ciuil agus cuspair an sgriobhaidh, agus bha sin direach a dearbhadh nach eil,’s nach bu choir, criochan a bhi ann a thaobh de ghabhas deanamh le ceol ur anns a chanan.”
Tha gu leor a dh’fheuch air an fharpais roimhne seo air nochdadh air Rapal Tbh ’s ma tha na chunnaic sibh agus na chuala sibh air ur misneachadh, ’s ma tha thu fhèin air a bhith a’ beachdachadh air òrain le dreach ùr a sgrìobhadh sa Ghàidhlig, seo agad deagh chothrom toiseach tòiseachaidh a dhèanamh!
Theid na h-orain as fhearr a thaghadh le sgioba Rapal le taic bho Calum Domhnallach bho Runrig.
’S abair duaisean! Tha stiùidio beag so-ghiùlain ri bhuannachadh, agus a bharrachd air an sin gheibh an neach a tha soirbheachail cothrom bhidio
a chlàradh le sgioba Rapail a thèid a shealltainn anns an ath shreath de
Rapal Tbh !
Na gabh dragh mur eil guth seinn agad no mur eil thu a’ cluich ionnsramaid-ciùil. Fhad ’s a tha na faclan agad air an sgrìobhadh, agus fhad ‘s a tha am fonn agad nì sgioba Rapal an còrr! Faodaidh am fonn a bhith air CD no teip, no sgrìobhte ma tha sin nas fhasa. No cuir thuca e air MP3 ann am post-d.
Siuthad ma-thà, dall air! Bu mhath leotha cluintintinn bhuat cho luath ’s a ghabhas.
Tha agad gu Diardaoin 30 An Giblean 2009, na h-òrain fhaighinn thuca.
Leig fios air:
rapal@bbc.co.uk
no sgrìobh aig:
Rapal
BBC Radio nan Gàidheal
52 Sràid na h-Eaglaise
Steòrnabhagh
Leòdhas
HS1 2LS
Son barrachd fiosrachaidh, no ma tha ceistean sam bith agad cuir fòn thuca air
( 01851 70 5000
Tha na riaghailtean agus stiùireadh rin leughadh air an eadar-lion: bbc.co.uk/rapal