Hiort aig Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann

Hiort aig Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann

March 26th 2009

‘S e Opara Hiort aon de na prìomh nithean a bhios aig Fèis Eadar-nàiseanta 2009 Dhùn Èideann. Chaidh innse a-raoir, aig foillseachadh Prògram na Fèise, gun tèid an dreach Bheilgeach den opara a thaisbeanadh airson a’ chiad uair ann an Alba, ann an Gàidhlig is Fraingis, ann an Taigh-cluiche Fèis Dhùn Èideann air 15, 16 agus 17 Lùnastal.

Chaidh an co-thaisbeanadh Beilgeach/Albannach duaiseil seo - L’île des Hommes-Oiseaux – a shealltainn an toiseach ann an 2007 mar aon de na còig taisbeanaidhean a chaidh fhoillseachadh aig an aon àm anns an Fhraing, a’ Ghearmailt, an Ostaire agus ann an Alba a thuilleadh air sa Bheilg agus anns an robh ceangalan beò ri Hiort. B’ e Pròiseact nan Ealan a bha os cionn na pròiseict agus fhuair i duais Scottish Event of the Year.

Thuirt Ministear a’ Chultair, Mìcheal Russell: “ Tha mi gu math toilichte Hiort: Opara Eòrpach fhaicinn air a’ phrògram airson Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann na bliadhna-sa. Bha a’ chiad fhoillseachadh den Opara na choileanadh soirbheachail, a’ cur Gàidhlig aig meadhan stèidse ann an còig dùthchannan. A-nise thèid pàirt na Beilge den phròiseict fhaicinn ann am prìomh bhaile na h-Alba aig aon de phrìomh fhèisean ealain an t-saoghail. “Tha a’ Ghàidhlig na pàirt riatanach de ar beatha is ar dualchas nàiseanta agus gu dearbh de ar soirbheachadh mar dhùthaich. Tha i na pàirt de chultar na h-Eòrpa cuideachd. Mar sin tha e deatamach gum bi pàirt aig a’ Ghàidhlig ann an cùisean àbhaisteach agus tha a gabhail a-steach air prìomh phrògram Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann na dhearbhadh làidir de chudromachd na Gàidhlig dhuinn uile ann an Alba. ‘S i a’ Ghàidhlig am meadhan as fheàrr a dh’innseas sgeulachd shònraichte Eilein Hiort agus a daoine agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith an làthair nuair a thèid an taisbeanadh air an àrd-ùrlar.”

Bha na còig taisbeanaidhean uile ag obair bhon aon scriobt, libretto, sgrìob chiùil agus stuthan lèir-chlaisteach ach bha iad uile gu tur sònraichte a rèir an àite agus an taisbeanaidh lèirsinnich is dràmadaich. Bha dràma-ciùil beò anns gach tachartas le dannsairean-creige, cleasaichean, luchd-ciùil, còisirean is seinneadairean Gàidhlig anns gach àite agus bha iad uile ceangailte tro shaideal bheò ri Hiort. Chaidh an taisbeanadh Albannach a chraoladh cuideachd tro webcast beò a’ BhBC.

Tha an taisbeanadh Beilgeach a chaidh a stiùireadh le Thierry Poquet agus a sgrìobhadh leis an sgrìobhadair Gàidhlig, Iain Fionnlagh MacLeòid, a’ toirt a mhìneachadh shònraichte fhèin air sgeulachd Hiort. Bho 2007 tha e air a bhith air àrd-ùrlar a-rithist sa Bheilg agus san Fhraing far an d’ fhuair e moladh mòr ach ‘s e seo a’ chiad uair a thèid an taisbeanadh iongantach seo fhaicinn ann an Alba.

Tha an seinneadair is a’ bhana-chleasaiche Ghàidhlig, Alyth NicCarmaig a’ seinn ann.
Thuirt Alyth, a tha air a bhith an lùib na pròiseict bho 2007 air leth toilichte a bhith ann na dùthaich fhèin.

Thuirt i: "’S e taisbeanadh mìorbhaileach, drùidteach a th’ anns an Opara. ‘S fìor thoigh leam a bhith an sàs ann agus tha e air a bhith fìor mhath ag obair is a’ dol air chuairt le cleachdaichean eadar-nàiseanta dràma – Tha mi cho toilichte gum bi an taisbeanadh Beilgeach mu dheireadh thall air fhoillseachadh ann an Alba ".

Thuirt Calum Mac Ill Eain, Stiùiriche Pròiseact nan Ealan: "’S i Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann an fhèis ealain as cliùitiche air an t-saoghal agus tha urram aice airson a bhith a’ foillseachadh nan taisbeanaidhean ealain as fheàrr air an t-saoghal. Mar sin, tha sinn air leth toilichte gun deach Opara Hiort a thaghadh mar aon de phrìomh thaisbeanaidhean fèis na bliadhna seo. Thairis air na bliadhnaichean mu dheireadh tha na h-ealain Ghàidhlig air a bhith a’ leasachadh luchd-amais ùr agus bha na còig taisbeanaidhean mar-aon de Opara Hiort ann an 2007 nan soirbheachadh mòr air feadh na Roinn Eòrpa. Tha an taisbeanadh Beilgeach iongantach dha-rìribh agus na riochdachadh cho cumhachdach de sgeulachd Hiort is gum bi e na bhrosnachadh dha luchd-èisteachd na fèise."

Gheibhear tiogaidean bho Oifis Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann bhon 4mh latha den Ghiblean aig 10m. Rachaibh gu www.eif.co.uk no fònaibh gu 0131 473 2000.