Oifigear Gàidhlig Ealain airson Alba Cruthachail

Oifigear Gàidhlig Ealain airson Alba Cruthachail

April 2nd 2009

Chuir Bòrd na Gàidhlig, a phrìomh bhuidheann poblach le dleastanas airson leasachadh na Gàidhlig, fàilte air an naidheachd bho Riaghaltas na h-Alba gu bheil a’ bhuidheann ùr ealain, Alba Chruthachail, gu bhith a’ stèidheachadh oifigear ealain a bhios gu sònraichte ag obair le com-pàirtichean a’ lìbhrigeadh Ro-innleachd Nàiseanta nan Ealain Ghàidhlig.

Chaidh am fiosrachadh a dhearbhadh ann an aithris do Phàrlamaid na h-Alba nas tràithe an-diugh (Diardaoin, Giblean 2, 2009). Thuirt am Ministear airson Cultar, Mìcheal Ruiseal, gum bi a’ Ghàidhlig na pàirt riatanach de dh’Alba Chruthachail agus gum biodh an dreuchd ’ga choileanadh taobh-staigh beagan mhìosan.

Thuirt Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Art MacCarmaig,: “Tha Bòrd na Gàidhlig gu làidir dhen bharail gu bheil deagh thaic do na h-ealain Ghàidhlig riatanach agus tha sinn air a bhith a’ cuideachadh le grunn phròiseactan thar nam bliadhnaichean. Tha na h-ealain a’ cur gu mòr ri iomhaigh na Gàidhlig, agus ’s iad gu math tric an dòigh anns a bheil daoine a’ceagal ri Gàidhlig an toiseach. Tha iomadach neach air tighinn gu fileantachd tro eòlas air ealain Gàidhlig. Tha sinn air ar misneachadh gu mòr leis an naidheachd bhon Mhinistear gum bi Gàidhlig aig cridhe na h-obrach ann an Alba Cruthachail, buidheann a dh’fhaodadh cur gu mòr ri leasachadh na Gàidhlig. Tha fiughar againn ri bhith ag obair còmhla, an dà chuid airson Plana Gàidhlig a chruthachadh agus cuideachd ann a bhith a’ lìbhrigeadh Ro-innleachd Nàiseanta nan Ealain Ghàidhlig.”

Bidh an dreuchd ùr air a cho-mhaoineachadh le Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig. Thuirt Stiùiriche Pròiseact nan Ealan Calum MacIlleathain: “Tha na dh’ainmhich am Ministear mu Chomhairle Ealain na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig a bhith a’ co-obrachadh air Ro-innleachd Nàiseanta nan Ealain Ghàidhlig na chlach-mhìle air a bheilear a’ cur fàilte ann a bhith ag àbhaisteachadh na Gàidhlig an Alba. Thar nam beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad tha fàs iongantach air a thighinn ann an amhaircich ealain agus cultar Gàidhlig aig an taigh agus thall-thairis.

Tha a’ Ghàidhlig a-nis air a faicinn mar stòras cultarail eadar- nàiseanta agus tha Ro-innleachd Nàiseanta nan Ealain Ghàidhlig a’ dealbh slighe air adhart às ùr an co-theacsa ri Alba Chruthachail. Tha an co-chonaltradh ùr seo a’ brosnachadh bhuidhnean poblach eile leithid Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus prìomh ùghdarrasan ionadail a bhith a’ com-pàirteachadh.”