Tha a’ bhuidheann leasachaidh Bòrd na Gàidhlig air aire choimhearsnachd na Gàidhlig a tharraing gu co-chomhairleachadh agus cho cudromach is a tha sin do sheasamh is leasachadh a’ chànain anns na bliadhnaichean romhainn,
Tha grunn de bhuidhnean nàiseanta, ’nam measg Riaghaltas na h-Alba an dràsta an coluadar leis a’ mhòr-shluagh mu na planaichean agus rùintean aca airson na Gàidhlig. Tha cuid de na buidhnean sin a’ cur gnothaichean air adhart fo Achd na Gàidhlig, ach tha cuid eile ann a tha ri adhartas agus a’ cumail taic ris a’ Ghàidhlig air an ceann fhèin. Tha am Bòrd a-nis air aire a tharraing chun innleachd a tha an luib sin airson a bhith ag adhartachadh na Gàidhlig agus a’ cuideachadh nam buidhnean sin airson an rùintean a choileanadh, agus taic a chumail ris a’ Ghàidhlig.
A-measg nam buidhnean a tha an dràsta ri co-chomhairleachadh tha Comhairle Maoineachaidh an h-Alba, an SFC, a’ bhuidheann nàiseanta a tha a’ dèiligeadh ri ionmhas poblach ann an colaistean agus Oilthighean na dùthcha. Tha an SFC a’ sireadh bheachdan bhon mhòr-shluagh air na planaichean a th’aca fhèin airson na Gàidhlig air feadh Alba.
Thuirt Mark Batho, Àrd Stiùiriche an SFC: “Tha a’ Chomhairle gu mòr airson cluinntinn bho dhaoine mu dhòighean anns am b’urrainn dhuinn cothroman ionnsachaidh a leasachadh tro na cùrsaichean a tha sinn a’ maoineachadh ann an diofar ionadan foghlaim. Tha sinn cuideachd airson faighinn a-mach ciamar a b’urrainn dhuinn ceanglan nas dlùithe agus nas èifeachdaiche a dhèanamh le buidhnean foghlaim, oileanaich agus a’ mhòr-shluagh ann a bhith ri coluadar anns an fharsainneachd. Bu mhath leinn gum biodh barrachd aithne air a thoirt dhan Ghàidhlig agus dhan chultar anns an obair a tha sinn a’ cur air adhart mar bhuidheann poblach. Tha sinn a’ toirt cothrom do dhaoine tron làrach- lìn againn wwww.sfc.ac.uk beachdan a chur thugainn, agus bidh coinneamh phoblach againn ann an Glaschu air Dluian an 27mh dhen Ghiblean a dheasbad agus a chòmhradh mu na molaidhean againn.”
A’ cur fàilte air an naidheachd, thuirt cathraiche Bhòrd na Gàidhlig Art MacCarmaig: “Tha a’ Chomhairle Maoineachaidh rim moladh airson a dhol an-sas ann an coluadar le coimhearsnachd na Gàidhlig anns an dòigh seo. Tha e a nis cudromach gun gabh coimhearsnachd na Gàidhlig, na h-ionadan foghlaim agus buidhnean eile, an cothrom a th’air a thairgse dhaibh. ’S e ceum gu math cudromach agus adhartach a tha seo agus mholainn do dhaoine agus do bhuidhnean a tha taiceil dhan Ghàidhlig am beachdan a chur a-staigh chun SFC, agus gu dearbh chun h-uile buidheann eile a tha a’ cur ceumanan mar seo air adhart. Seach gu bheil na buidhnean seo a’ gluasad air an rathad, tha còir againn a bhith a’ gabhail a’ cheum còmhla riutha agus ’gan cuideachadh. Tha e math gu bheil iad mothachail air na feumalachdan a th’againn agus a’ cumail taic ris a’ Phlana Nàiseanta airson na Gàidhlig agus a’ cur ri beòthalachd is cultar na h-Alba anns an fharsainneachd.”
Ma than neach sam bith le ùidh anns an tachartas aig an SFC an Glaschu air 27 Giblean, a tha saor agus an asgaidh, bu chòir dhuibh tadhal air an làrach www.sfc.ac.uk, anns an earrann air naidheachdan.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh le fònadh gu 0131 313 6570 no le teachdaireachd gu lpsadmin@sfc.ac.uk