Fhuair na h-iomairtean airson na trì Mòdan Rìoghail Nàiseanta a tha ri thighinn togail an diugh nuair a chaidh taic airgid de £5,000 a ghealltainn le Bòrd na Gàidhlig do na comataidhean ionadail a tha ’gan cur air adhart.
Tha an deasachadh airson na trì Mòdan – an t-Òban am bliadhna anns an Dàmhair, Gallaibh ann an 2010 agus Steòrnabhagh ann an 2011, air ceumanan mòra a ghabhail mar tha tro na comataidhean ionadail a tha a’ foillseachadh agus a’ brosnachadh chùisean airson gach Mòd.
Thuirt Rosemary Nic a’ Bhàird, Ceannard an Gnìomh Bhòrd na Gàidhlig: “ ’S e tachartas air leth cudromach a th’anns a’ Mhòd ann an saoghal cultarail na h-Alba a-nis agus do shaoghal na Gàidhlig fa-leth, gu sònraichte am bliadhna agus uidhir a’ tachairt an luib iomairt Homecoming. Tha na comataidhean ionadail ri obair ionmholta gach turas a tha Mòd anns na sgìrean fa-leth, agus tha iad a’ dèanamh oidhirp mhòr gach buannachd a ghabhas buinnig fhaighinn do na coimhearsnachdan anns a bheil na Mòdan le bhith ag obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail agus saoghal malairt. ’S ann gu saor-thoileach a tha tòrr dhen obair air a dhèanamh aig ìre ionadail agus tha am Bòrd mothachail air sin. Tha cuideachd saoghal doirbh ro bhuidhnean a tha a’ tionnal airgid an dràsta. ’S ann aig fìor thoiseach gnothach a tha feum air airgead airson cùisean a ghluasad agus tha sinn toilichte ar taic a chur ri na h-oidhirpean a tha na trì comataidhean ionadail airson nam Mòdan a tha romhainn a’ cur air adhart, ach an gabh a’ bhuannachd as mòtha a ghabhas faighinn a bhuileachadh air na coimhearsnachdan.”
Chaidh fàilte a chur air an naidheachd anns an Òban far a bheil am Mòd gu bhith am bliadhna anns an Dàmhair. Thuirt Cathraiche a’ Chomataidh ionadail Robin Banks: “ Tha sinn air leth toilichte an taic airgid a tha seo fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig agus bidh e air leth feumail anns na miosan a tha romhainn. Tha sinne nas fhaide air adhart ’nar deisealachadh airson a’ Mhòid agus bidh seo ’na chuideachadh mòr dhuinn agus sinn a’ foillseachadh na tha romhainn. Chan eil teagamh sam bith agam nach eil fior dheagh Mhòd gu bhith againn anns an Òban, dìreach mar tha e air a bhith bho thùs!”
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu ghnothach sam bith a th’anns an Naidheachd seo bho Bhòrd na Gàidhlig, cuiribh fios gu Uisdean MacillInnein air 0751 528 7040. Tha fiosrachadh mu na Mòdan fa-leth ri fhaighinn bhon Chomunn Ghàidhealach no na Comataidhean ionadail.
Faic cuideachd làrach lìn Bhòrd na Gàidhlig: www.bord-na-gaidhlig.com
Faicibh cuideachd: www.mygaelic.com