Seirbheis Didseataich Gàidhlig

Seirbheis Didseataich Gàidhlig

January 29th 2008

Seirbheis Nam Meadhanan Gàidhlig Agus BBC Alba A' Cur Fàilte Air Cead-Craolaidh Airson Na Seirbheis Didseataich Gàidhlig

Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus BBC Alba air fàilte a chur air co-dhùnadh Urras a' BhBC aontachadh ri molaidhean airson na Seirbheis Didseataich Gàidhlig.

Bidh Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus BBC Alba a-nis a' tòiseachadh air na planaichean aca a thoirt gu buil son an t-seirbheis ùr a chur air bhonn. Bidh Bòrd Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a' coinneachadh a-màireach (29 Faoilleach) airson beachdachadh air na cùmhnantan co-cheangailte ri co-dhùnadh an Urrais.

Thuirt Niall Friseal, Cathraiche Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig: "Tha sinn a' cur fàilte air co-dhùnadh an Urrais. Is e ceum cudromach a th' ann airson craoladh Gàidhlig agus is urrainn dhuinn a-nis cumail oirnn le bhith ag ullachadh, ann an co-bhanntachd leis a' BhBC, airson seirbheis telebhisein Ghàidhlig ùir a chruthachadh airson muinntir na h-Alba."

Thuirt Coinneach MacGuaire, Àrd-stiùiriche BBC Alba: Tha sinn air leth toilichte gu bheil an t-Urras air cead-craolaidh a thoirt seachad airson na seirbheis ùir. Tha BBC Alba a' coimhead le fiughair ri bhith ag obair ann an co-bhanntachd le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig son an t-seirbheis ùr seo a libhrigeadh. Tron t-Seirbheis Dhidseataich Ghàidhlig gheibh luchd na Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh agus a h-uile duine aig a bheil ùidh sa chànain raon farsaing de phrògraman agus stuthan eile. Bidh na prògraman air an t-seirbheis ùir tarraingeach do dhaoine aig nach eil Gàidhlig, do luchd-ionnsachaidh agus do dhaoine nach eil a' coimhead phrògraman Gàidhlig aig an àm seo."
Airson barrachd fiosrachaidh, cuir fios gu:

Iagan MacNèill

Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig – 0131 556 6649/ 07770 886 928

Jim Gough

BBC Alba – 0141 422 6376