Tha Bòrd na Gàidhlig air stòras a tha a’ maoineachadh pròiseictean coimhearsnachd, Taic Freumhan Coimhearsnachd, a tha a’ cumail taic ri gluasadan a tha a’ neartachadh cumail suas agus cleachdadh na Gàidhlig agus a’ cuideachadh a’ lìbhrigeadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig, fhoillseachadh.
Tha am Bòrd, a’ phrìomh bhuidheann poblach le uallach airson leasachadh na Gàidhlig, air £100,000 a chur ris an stòras airson 2009, a bharrachd air an £190,000 a chaidh a chumail ri cùisean a tha a’ dol air adhart bhon uiridh.
Tha maoin Taic Freumhan Coimhearsnachd ri fhaotainn gach bliadhna thairis air na trì bliadhna a tha romhainn gus taic a chur ri iomairtean coimhearsnachd tro leithid bhuidhnean coimhearsnachd, buidhnean saor-thoileach, gnothachasan beaga agus buidhnean eile a tha airson gnìomhachdan bunaiteach sa’ Ghàidhlig a chur air adhart anns na coimhearsnachdan fhèin, no tro lìonraidhean.
Thuirt Rosemary Nic a’ Bhàird, Àrd-Oifigear eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig: “Tha an dòigh anns a bheil sinn ag amas air leasachaidhean coimhearsnachd air leth cudromach ann a bhith a’ neartachadh cor na Gàidhlig agus a’ cruthachadh cothroman cleachdaidh. Tha seo fìor chudromach ann a bhith a’ cumail taic ris an dòigh anns a bheil sinn a’ lìbhrigeadh a’ Phlana Nàiseanta. Tha an taic seo ri fhaotainn ann an coimhearsnachdan a-mach bho na criochan a chaidh a chomharrachadh mar tha airson taic fa-leth tro Iomairtean Cànain, agus tha fiughar again cluinntinn bho bho bhuidhnean ann an sgìrean far a bheil a’ Ghàidhlig gu math làidir agus cuideachd coimhearsnachdan far a bheil sinn a’ faicinn, no a’ sùileachadh fàs.”
Chuir am Ministear airson na Gàidhlig Micheal Russell BPA fàilte air taic a’ Bhùird do na h-iomairtean coimhearsnachd. Thuirt e: “Tha Riaghaltas na h-Alba dealasach a thaobh Gàidhlig a dhèanamh tèarainte agus soirbheachail san àm ri teachd ann an Alba, agus tha leigeil a’ mhaoineachaidh seo mach le Bòrd na Gàidhlig na cheum eile a dh’ionnsaigh an amais sin a choileanadh. Tha taic do phròiseictean coimhearsnachd fìor dheatamach agus tha am pgròram seo, thar nan trì bliadhna a tha romhainn gu bhith a’ cumail taic ri gnothaichean nach robh sdòcha air a dhol air adhart, agus a’ toirt taic do chùisean eile a tha stèidhichte mar tha.”
Beachdaichidh Bòrd na Gàidhlig air iarrtasan maoineachaidh suas gu luach £5,000 airson gach pròiseact. Tha maoin Taic Freumhan Coimhearsnachd a-nis fosgailte airson iarrtasan agus dùinidh sin air 12 Ògmhios, 2009
Thuirt Rosemary Nic a’ Bhàird: “Tha am Bòrd air leth toilichte le mar chaidh le Taic Freumhan Coimhearsnachd aig toiseach gnothaich an uiridh. Fhuair grunn phròiseictean inntinneach taic airgid agus tha cuid dhen fheadhainn sin air an taic fhaighinn thar trì bliadhna. Tha a bhith a’ cumail taic ri cùisean ann an coimhearsnachdan na Gàidhlig air leth cudromach ma tha a’ dol a shoirbheachadh leinn a’ leasachadh na Gàidhlig agus ma tha sinn a’ dol a chumail ri fàs anns na h-àireamhan againn. Faodaidh pròiseactan anns na coimhearsnachdan diofar mòr a dhèanamh glè thric eadar an cànan a bhith air a chleachdadh no air a chall, agus chaidh an sgeama seo a chur air bhonn airson coimhearsnachdan a bhrosnachadh gus pròiseactan ùr-ghnàthach a dhealbh aig am biodh buaidh seasmhach air a’ Ghàidhlig anns na sgìrean ionadail.”
Tha tuilleadh fiosrachaidh agus foirmean iarrtais airson Taic Freumhan Coimhearsnachd rim faotainn bho Bhòrd na Gàidhlig air 01463 225454, no le post-d gu tabhartas@bng.org.uk no air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig aig www.bord-na-gaidhlig.org.uk.