Taic do chothroman ionnsachaidh cànain le Colmcille

Taic do chothroman ionnsachaidh cànain le Colmcille

June 17th 2009

Gheibh luchd-labhairt Gàidhlig na h-Alba a tha airson Gaeilge na h-Eireann ionnsachadh agus a leithid eile bho thaobh thall Sruth na Maoile an cothrom cànain a’ chèile ionnsachadh agus a thoirt air adhart tro chùrsaichean a thèid a chumail anns an Eilean Sgitheanach agus an Ìle air an t-samhradh seo.

Tha na cùrsaichean, a bhios a’ frithealadh agus a’ togail air diofar ìrean cànain, ’gan cur air dòigh le Sabhal Mòr Ostaig agus Ionad Chlm Cille an Ìle agus bidh iad a’ dol air adhart fad mhìosan an t-samhraidh. Tha taic airgid ’ga thairgse tro ghrantaichean bho phròiseict Cholmcille (a bha roimhe seo air ainmeachadh mar Iomairt Cholm Cille, ICC no an Columba Initiative), agus a tha a-nis a’ tighinn fo sgèith agus stiùireadh Bhòrd na Gàidhlig and Foras na Gaeilge mar phàirt dhen obair aig an dà bhuidhinn ann an Alba agus Eireann.

Thuirt Oifigeach Leasachaidh Cholmcille an Alba Màiri Mhoireach: “Tha sinn airson cothrom a thort tro na cùrsaichean seo do dhaoine aig a bheil ìrean eadar-dhealaichte dhen dà sheòrsa Gàidhlig an sgilean còmhraidh is eile a thoirt air adhart anns a’ chànan eile mar gum biodh. Tha an seòrsa cùrsa seo a’ toirt fìor dheagh fhuasgladh dhuinn airson a bhith a’ brosnachadh iomairtean càch a’ chèile agus a bhith a’ togail air feumalachdan an dà chànain ann an Alba agus Eireann. Tha e a’ toirt togail dhan ìomhaigh aig an dà chànan air feadh Eireann agus ann an Alba. Tha ar cànan ’na dhualchas a tha ’gar ceangal agus ’gar tarrainn ri chèile agus mar is mò a bhios sinn an coluadar agus a’ co-obrachadh, ’s ann as fheàrr a tha cothrom gu bhith againn saoghal seasmhach a chur romhainn.”

Tha taic airgid ’ga thairgse do luchd-ionnsachaidh airson nan cùrsaichean agus cuid-oidhche (5 oidhche). Bidh cothrom ann cuideachd na h-uibhir de chuideachadh fhaighinn le cosgaisean siubhail. Ma tha luchd-ionnsachadih a’ fuireach ann an Alba, agus a’ còmhnaidh barrachd air 25 mìle bhon ionad ionnsachaidh, tha suas ri £25 ri fhaighinn. Taobh-muigh na h-Alba, ach taobh-staigh an UK agus Poblacht na h-Eireann, gheibhear suas gu £75. Gheibhear na cosgaisean air ais le dearbhadh cunntasan is cosgaisean an dèidh làimhe.

Ma tha luchd-ionnsachaidh a’ fuireach ann an Alba, agus nas sinne na 16 agus a’ cosnadh nas lugha na £18,000, tha cothrom air taic airgid suas gu £200 bho ILA Scotland. Ghiebhear barrachd fiosrachaidh mun sin bhon fheadhainn a tha a’ cur nan cùrsaichean air dòigh.

Tha barrachd fiosrachaidh mu na cùrsaichean le cinn-latha, ìrean cànain agus eile ri fhaotainn air an làrach-lìn: www.colmcille.net

Bu chòir iarrtasan-taice a chur a-staigh ro Dihaoine 03 Iuchair aig 5 uairean feasgar. Seach nach eil ach na h-uibhir de thabhartasan rin toirt seachad, bu chòir fios a chur a-staigh cho luath sa ghabhas.