An dèidh Consairt shoirbheachail oidhche Shathairne, chaidh da chomhlan òg an taghadh gus na mion-chànain a' riochdachadh aig Fèill Òrain Eadar-nàiseanta Liet Shiubhal deich buidhnean a fad is farsaing gu Eden Court ann an Inbhir Nis gus seinn air beulaibh luchd-èisdeachd a bha taiceil agus ann an deagh thruim. Bha a' chonsairt cuideachd dha chraobh-sgaoileadh thairis an eadar-lìon.
Rinn an luchd-èisdeachd san arainn bhòtadh air co na buidhne a chòrd riutha as motha, agus chaidh cuideachd bhòt a chumail de na daoine a bha dha choimhead thairis an eadar-lìon. 'S iad an comhlan òg 'rock' a Leòdhas - Sunrise not Secular - a shoirbhich leis a bhòt, agus iad a' gabhail an òran aca 'Lasair an t-Oidhche'. Thuirt a' phrìomh seinneadair, Daibhidh MhicNeacail gur e "Nòs Ùr aon dha na tachartasan as sònraichte is as cudromaich dhan chomhlan gu ruige seo. Le bhith a buannachadh a' bhòt, tha sinn uamhasach taingeil, 's duais mhòr a tha seo dha Gàidhlig agus tha e cuideachd na thiomnaidh air iad sin a th' air a bhith cunbhalach nan taic dhuinn. Cha b'urrain dhuinn a bhith na bu thoilichte."
'S e seinneadair a Baile A Chliath air a bhile an t-ainm Fiach a theàrn bhòt na britheamhan leis an amhrain aige air a bheil Sea Táim (So I) ann an Gaelige.
'S iad Tonaidh Kearnaidh agus Karine Polwart a bha nan cathraichean fad na h-oidhche, agus thug iad gàire air an luchd-èisdeachd le òran ùr a rinn iad fhèin agus a sheinn iad ann an Scots.
Thug Mìcheal Russel BPA, Ministear an Fhoghlaim, na Roinn Eòrpa agus Chùisean Taoibh A-muigh, seachad òraid ghoirid aig àm toirt seachad na duaisean, thuirt e "Ann an Alba, feumaidh sinn dèanamh cinnteach, anns a h-uile suidheachadh, gu bheil a Ghàidhlig agus Albais ga bruidhinn, gu h-àraid air an àrd-ùrlar, le cèol airson an luchd-èisdeachd a tha airson a chluinntinn. Tha na h-òran a chuala sibh a-nochd nan moladh air na nàiseanan far an tèid na cànanan cheilteach am bruidhinn".
Thuirt an neach a chur gnothaichean an tachartas air dòigh, Brian Ó hEadhra, "Tha Nòs Ùr a' fàs a h-uile bliadhna agus tha na naidheachdan mu dheidhinn, eadar an luchd-èisdeachd agus iad sin a tha a' gabhail pàirt ann, a sìor fàs nan spèis. Tha an tachartas a cur an aghaidh na beachdan a th' aig cuid mu luchd-cleachdaidh na mion-chànain, agus tha e na amas dhuinn sealtainn gu bheil coimhearsnachd, làidir, comasach agus fallain air cùlaibh ar cànan tùsail".