Deasachadh a’ Mhòid a' dol bho neart gu neart
Tha deasachadh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, a ghabhas àite san Eaglais Bhreac airson na ciad turais riamh am bliadhna seo, ag adhartachadh gu soirbheachail leis a’ chomataidh nàiseanta agus ionadail a’ dèanamh obair mhòir anns gach roinn.
A bharrachd air tachartasan a chumail gus airgead a thogail, tha comataidh ionadail na h-Eaglaise Brice trang le gnothaichean dealbhachaidh a’ Mhòid agus tha sgioba eagrachaidh a’ Chomuinn an-dràsta a’ sònrachadh nan àiteachan far an tèid tachartasan-farpaiseach agus eu-fharpaiseach- a chumail bhon 10mh-18mh An Dàmhair 2008.
As dèidh èisteachd ri beachdan nam farpaiseach tha An Comunn Gaidhealach air iomadh atharrachadh mòr a dhèanamh air na riaghailtean agus air a’ chlàr-eagair. Chithear na h-atharraichean seo air www.the-mod.co.uk agus geàrr-chunntas dhiubh gu h-ìseal:
As dèidh stiùiridh bho iomadh ceàrnaidh tha Fo-chomataidh a’ Mhòid air aontachadh gun lean sinn riaghailt an taghaidh chiùil gu teann am bliadhna seo. CHA GABH SINN IARRTASAN A THA ANMOCH NO CEÀRR. Bheir sùil air na riaghailtean ùra ‘s an clàr-eagair airson tuilleadh fiosrachaidh.
Feumaidh gach farpaisean ann am farpaisean nam Bonn [Seann Nòs, Òr agus Airgead] an taghadh deireannaich aca fhèin a chur a-staigh leis a’ cheòl eile-ceann-latha 31st An Lùnasdal.
Chan urrainnear pàirt a ghabhail ann am farpaisean nan inbheach agus farpaisean na cloinne san aon bhliadhna. Tha sin a’ ciallachadh gum feum farpaiseach a tha 18 pàirt a ghabhail ann an Farpaisean na Cloinne NO Farpaisean nan Inbheach. (Chan eil an riaghailt seo a’ buntainn ri còisirean far am faodar seinn ann an còisir nan inbheach bho 16 bliadhna a dh’ aois)
Bho Mòd 2008 air adhart faodar farpaisich, clann agus inbhich, òran a thaghadh a tha ainmichte anns an roinn eile. e.g faodaidh inbheach òran a thaghadh bho òrain ainmichte na cloinne
Tha farpaisean pìobaireachd aig a’ Mhòd Nàiseanta uile fosgailte do gach ìre phìobaireachd.
CUDROMACH: ‘ S e “Mo rùn geal dìleas” an t-òran ainmichte airson Farpais A271 (Sarah Weir). Gheibhear seo bho oifis Inbhir Nis.
CUDROMACH: S e “Oran Coire Cheathaich” an t-òran ainmichte a-nis airson Farpais A234 (Oban Times Gold Medal) a tha ri fhaotainn ann an leabhar nan inbheach airson farpais A271.
Cuiribh fios gu Seònaid NicDhòmhnaill, Neach Gairm a’ Mhòid le ceist sam bith air 077151 25608 no janet@macdonald2351.freeserve.co.uk.
Tha An Comunn cuideachd ag ràdh Soraidh Slàn ri Murchadh Moireasdan a bha na oifigear àrdachaidh a’ Mhòid airson ochd bliadhnaichean leis a’ Chomuinn. Tha Murchadh air obair mhòr a dhèanamh thar nam bliadhnaichean son a’ Chomuinn ‘s a’ Mhòid agus sinn a’ guidhe gach soirbheas dha san obair ùr aige aig GMS.