Eadar 5 agus 16 Iuchar 2010 bidh Gàidheil òga a' faighinn cothrom sgilean thèatar aig ìre phroifeasanta ionnsachadh an cuideachd feadhainn de na cleasaichean as fheàrr ann an saoghal na Gàidhlig.
Tha an Sgoil Shamhraidh Dhràma, a tha ga ruith le Fèisean na Gàidheal, gu bhith a' gabhail àite ann am Port Rìgh a-rithist am-bliadhna. Bidh 16 àiteannan air a' chùrsa, a tha fosgailte do dhuine sam bith aig a bheil Gàidhlig eadar 14 agus 18 bliadhna a dh'aois. Bidh na com-pàirtichean a' fuireach ann an Òstail Àrd-sgoil Phort Rìgh, le clasaichean gan cumail ann am Bun-sgoil Phort Rìgh.
Bidh an Sgoil fo stiùir Artair Donald, cleasaiche a tha air cliù a choisinn an dà chuid air an àrd-ùrlar agus air an telebhisean. Bidh e ag obair le sgioba de luchd-teagaisg air leth tàlantach, leithid Catrìona Lexy Chaimbeul, Daibhidh Walker agus Ruairidh MacNeacail. Am measg nan clasaichean a thèid a chumail rè na Sgoile bidh sgilean gutha, gluasad, sgrìobhadh cruthachail, modh-stèidse agus cleasachd.
Tha Dougie Beck, co-òrdanaiche na Sgoile, an dòchas gum brosnaichear sgilean dràma òigridh agus gun togar an cuid misneachd a dhol an sàs ann am barrachd thèatar anns an fhad-ùine: "Chaidh an Sgoil Shamhraidh ath-bheothachadh ann an 2008 agus tha i air a bhith air leth soirbheachail. Tha còrr is 30 cleasaiche òg air a dhol tron Sgoil bhon uair sin agus tha fhios gum bi Sgoil na bliadhna sa a cheart cho trang. 'S e àm dòchasach a tha seo a thaobh dràma na Gàidhlig – tha tòrr dràma a' dol air adhart anns na sgoiltean an-dràsta, agus tha dràma sa choimhearsnachd a' faighinn gu dol a-rithist. 'S e cothrom air leth a tha san Sgoil Shamhraidh do dhuine sam bith a tha airson gleans a chur air na sgilean dràma aca."
Chan eil aig na com-pàirtichean ri càil a phàigheadh mu choinneamh cosgaisean na Sgoile, le maoineachadh a' tighinn bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig air a son.
'S ann a dh'ionnsaigh oidhche mhòr de dhràma aig 7.30f, Diardaoin 15 Iuchar ann an Àros, Port Rìgh, a bhios na cleasaichean ag obair, agus bidh seo fosgailte dhan mhòr-shluagh. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun tachartas seo aig www.feisean.org no air 01463 225559.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh agus foirmean-iarrtais bho Dougie Beck, co-òrdanaiche na Sgoile, air 01463 225559 no air douglas@feisean.org. Tha foirmean cuideachd rim faotainn aig www.feisean.org