Moladh dha cùrsa Ulpan aig LCC

Moladh dha cùrsa Ulpan aig LCC

June 11th 2010

Tha Luchd-sgrùdaidh Foghlaim air aithisg fhoillseachaidh air sgrùdadh a chaidh a dhèanamh air Colaisd a' Chaisteil. Tha an aithisg a' soilleireachadh an iomadh dòigh misneachail a tha a' Cholaisd a cleachdadh ann a bhith a' lìbhrigeadh ionnsachadh agus teagasg ann an dàimh ri targaidean nàiseanta.

Mar chom-pàirtiche ann am Prògram ionnsachaidh Gàidhlig le Ùlpan, tha a' Chomhairle air leth toilichte gu bheilear ag ainmeachadh Ùlpan mar sàr shamhla air stiùireadh raon agus modhan ùr-ghnàthach.

Se prògram nàiseanta a th'ann an Ùlpan air a dhealbh gu sgilean còmhraidh luchd-ionnsachaidh a thoirt air adhart gu sgiobalta.

Tha Cùrsaichean Ùlpan a cuideachadh le bhith a' coinneachadh targaidean Gàidhlig ann am Plana Gàidhlig na Comhairle agus tha Luchd-sgrùdaidh Foghlaim air comharrachadh gu bheil libhrigeadh na cùrsaichean aig àrd inbhe.

Tha seo a' daingneachadh prògram Ùlpan aig Colaisd a' Chaisteil mar ionad sàr-mhaitheis agus na iùil do dh'ionadan foghlaim eile a tha brosnachadh Gàidhlig air feadh Alba.

Thuirt Agnes Rennie, Cathraiche, Comataidh Buileachaidh Plana Cànain aig Comhairle nan Eilean Siar: "Tha e na mhòr thlachd dhuinn uile gu bheil Aithisg Luchd-sgrùdaidh Foghlaim air ainmeachadh cùrsa Ùlpan a th'air a' lìbhrigeadh tro Cholaisd a' Chaisteil, mar sàr shamhla air dòighean ionnsachaidh ùr-ghnàthach.

“Tha a' Chomhairle air buannachd mhòr fhaighinn à Ulpan a-thaobh a bhith a' buileachadh ar Plana Cànain agus bidh sinn an làn dòchas gun toir seo piseach air àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig san àm ri teachd."