Bliadhna nan Òran: làrach-lìn ùr.

Bliadhna nan Òran: làrach-lìn ùr.

June 17th 2010

Tha BBC Gàidhlig a’ foillseachadh làrach-lìn ùr a tha cur taic ris a’ phroiseact ioma-fhìllte, Bliadhna nan Òran. Tro 2010, bidh an làrach a’ cur ris na prògraman a th’ air an craoladh air BBC Radio nan Gaidheal agus air BBC ALBA agus a’ toirt an cothrom do dhaoine coimhead agus èisteachd ri taghadh de na h-òrain as fheàrr a tha rin lorg ann an tasglann Ghàidhlig a’ BhBC.

Air www.bbc.co.uk/oran gheibhear an cothrom fiosrachadh a’ lorg gu sgiobalta agus gu sìmplidh tro cheithir prìomh earrainnean: Òrain, Sgrìobhaichean, Cusapirean agus Seinneadairean. A thuilleadh air iad sin, tha fiosrachadh ann mu phrògraman agus taghadh à Tasglann a’ Mhòid far an cluinnear clàraidhean bho na bliadhnaichean eadar 1946 agus 1979.

Tha an làrach a’ taisbeanadh am beartas de dh’òrain Ghàidhlig a th’ ann an tasglann a’ BhBC le taghadh on a h-uile ceàrnaidh de dh’Alba: bho cuid de na clàraidhean fuaim is bhidio as sean gu cuid a chaidh a chlàradh a dh’aona-ghnothaich gus Bliadhna nan Òran a chomharrachadh le fiosrachadh mun coinneamh.

Tha cothrom ann èisteachd ri 440 òran cuide ri nam faclan, 140 criomag bho phrògraman rèidio agus còrr is 190 criomag bhidio bho phrògraman telebhisean leithid ‘Se Ur Beatha agus Aig Cridhe ar Ciùil. Tha cunntais-beatha ann mu choinneamh 250 seinneadair agus sgrìobhaiche.

Gheibhear ceangal gu Òran an Là a th’ air a bhith air leth soirbheachail air BBC Radio nan Gaidheal tron làraich cuideachd. Bidh na prògraman slàn rim faotainn cuide ri teacsa ann an cruth a tha facal air an fhacal – goireas a bhios tarraingeach agus a bheir taic do luchd-ionnsachaidh a’ chànain.

Bithear a’ cur chlàraidhean ùra agus an tuilleadh fiosrachaidh ris an làraich-sa gach seachdain tro 2010.