Tha Riaghaltas na h-Alba air ainmeachadh mar a tha e an dùil cothroman air cleachdadh a' chànain ann an conaltradh còmhla ris fhèin a mheudachadh.
Dh'ainmich Fiona Hyslop, Ministear na Gàidhlig, foillseachadh Plana Gàidhlig an Riaghaltais fhèin rè turais gu Beinn na Fadhla agus Uibhist a Deas, far an do choinnich i ri luchd-stiùiridh Ceòlais, sgoil shamhraidh ceòl na Gàidhlig.
Chaidh am Plana còig-bliadhna ullachadh an dèidh iarrtas Bòrd na Gàidhlig - buidheann nàiseanta leasachadh na Gàidhlig - fo chumha Achd (Alba) na Gàidhlig 2005. Thathar a' lìbhrigeadh gach gnìomh an cois Plana Gàidhlig an Riaghaltais an lùib riarachadh stòrasan roinneil an àma seo fhèin.
Thuirt Fiona Hyslop: " 'S e àm èiginneach a th' ann ma tha a' Ghàidhlig gu bhith beò. Bidh ginealach ùr de luchd-labhairt riatanach ann a bhith a' daingneachadh maireannachd a' chànain.
“Tha Planaichean Gàidhlig ag amas air a' chànan a thoirt am barrachd follais ann am beatha làitheil a' phobaill, agus air an t-sluagh a mhisneachadh gus a h-ionnsachadh 's a bruidhinn.
"Tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh cho cudromach 's a tha e a bhith a' cruthachadh chothroman air cleachdadh practaigeach na Gàidhlig. Mar eisimpleir, gheibh neach sam bith a sgrìobhas thugainn an-dràsta freagairt sa Ghàidhlig, agus tha sinn a' cur fàilte air foirmichean air an lìonadh innte.
“Meudaichidh sinn àireamh nan geàrr-sgrìobhainnean a th' air am foillseachadh sa Ghàidhlig. Gheibh luchd-obrach aig a bheil beagan Gàidhlig mu thràth cothrom air an sgilean a leasachadh agus bheirear cothroman do dhaoine eile air a' chànan ionnsachadh.
"An t-seachdain sa chaidh, b' i Alba Chruthachail - no Creative Scotland - a' chiad bhuidheann poblach riamh a fhuair ainmean de dh'inbhe cho-ionann an dà chuid ann an Gàidhlig agus Beurla.
"'S iad na ceumannan beaga seo a tha a' cur Gàidhlig am barrachd follais a' mhòr-shluaigh 's a tha deatamach a thaobh mairsinneachd a' chànain."