‘S e Dr Fionnlagh MacLeòid, à Siabost, Leodhas, a’ chiad ùghdar a choisinn sàr dhuais litreachais airson an leabhar ùr aige.
Thèid Duais Dhòmhnaill Mèic a buileachadh air Fionnlagh MacLeòid airson a’ chiad nobhail, Gormshuil an Rìgh, a sgrìobh e do dh’ inbhich is a chaidh a fhoillseachadh aig Fèis WORD ann an Obar Dheathain bho chionn ghoirid.
Thuirt Rosemary Ward, Stiùiriche, Comhairle nan Leabhraichean: “Tha Fionnlagh air sgrìobhadh ùr, inntinneach agus gu math eadar-dhealaichte a thoirt dhuinn le Gormshuil an Rìgh agus tha e airidh air an duais seo.”
Tha Comhairle nan Leabhraichean ann an co-bhonn le Alba Chruthachail a’ cur Duais Dhòmhnaill Mèic airson litreachais Gàidhlig air bhog aig Fèis Leabhraichean Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann air Diluain 30 Lùnastal.
Chaidh Duais Dhòmhnaill Mèic a’ stèidheachadh le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail agus ’s ann tro Chomhairle nan Leabhraichean a chaidh an fharpais chudromach seo a libhrigeadh.
Thuirt Ms Ward: “ ‘S e farpais bhliadhnail airson sgrìobhadh ùr Gàidhlig a bhrosnachadh a th’ ann an Duais Dhòmhnaill Mèic agus fhuaras sgrìobhadh de gach gnè bho measgachadh de sgrìobhadairean ùra agus stèidhichte.
“Tha sinn gu math moiteil gur h-ann an ainm Dhòmhnaill Mèic a tha an duais ùr seo. Bha Dòmhnall na Chathraiche air Comhairle nan Leabhraichean aig aon àm agus tha e air a bheatha phroifeiseanta a chur seachad a’ togail inbhe litreachas na Gàidhlig.”
“Bha e na adhbhar misneachd dhuinn gun d’ thàinig feadhainn òga air adhart le sgrìobhadh air leth làidir agus dòchasach, agus bha na britheamhan a’ faireachdainn gun robh Pàdraig MacAoidh airidh air moladh airson na sgrìobh esan.
“Tha sinn an dòchas gur ann bho neart gu neart a thèid an fharpais seo gach bliadhna agus gun tèid againn air leudachadh a thoirt air litreachas na Gàidhlig agus an ath ghinealach de sgrìobhadairean Gàidhlig a bhrosnachadh.”