Feis Hiort 2010

Feis Hiort 2010

September 16th 2010

Fèis Hiort Sealladh iongantach air saoghal gun samhail Hiort. Fiolm cuimhneachail, ceòl, bàrdachd, clàradh tasglainn Hiortaich agus òraidean dealbhaichte a bheir air-ais sibh ann an spiorad chun nan eileanan iongantach ud, agus an t-àite cliùiteach a th' aca ann an eachdraidh na h-Alba.

Thigibh a chèile oirnn airson cabadaich sa’ Chafé Chòmhraidh aig 7f gus do chuid Ghàidhlig a chleachdadh, agus an uairsin, airson nan tachartasan eile a bhios againn air an oidhche.

Bidh an t-ùghdar agus bàrd cliùiteach, Dòmhnall Moireach a’ toirt seachad òraid agus a’ sealltainn dealbhan Hiort. A’ leantail air sin, bidh cothrom agaibh am film “The Shepherds of Berneray” fhaicinn, ag innse sgeul-beatha muinntir Bheàrnaraigh na Hearadh. An uairsin, thig an t-ùghdar, tidsear agus craoladair, Dòmhnall Moireach agus an seinneadair Catrìona Watt còmhla air an àrd-urlar airson measgachadh iongantach de cheòl is rosg. Cuiridh sinn crìoch air an oidhche le ceòl às an Innis Tìle le Benni Hemm Hemm agus deochan bhon bhàr mar as àbhaist.

7:00f Café Còmhraidh 7:30f Dòmhnall Moireach 7:45f Film 9:00f Calum Feargasdan agus Catrìona Watt 10:00f Benni Hemm Hemm

Tickets £5/8 CCA, 350 Sauchiehall Street, Glasgow Book now at the CCA Box Office 0141 352 4900 For more information join us on Facebook, Myspace, Twitter http://www.myspace.com/ceolscraic