Ceol is drama aig Sgoil 'Ic Neacaill
Tha sgoilearan Sgoil MhicNeacail dol a dh’fhaighinn togail-inntinn is brosnachadh bho cluich ceòlmhor ùr Gàidhlig a tha dol a ghabhail àite aig consairt bliadhnail Nollaig na sgoile. Tha planaichean gan gabhail os làimh an-dràsta airson an tachartais, a’ chiad fhear de sheòrsa,agus obair dearbhaidh airson riochdachadh nas motha an ath bhliadhna. Tha a’ phròiseact, a th’ air a stiùireadh leis an sgoil, le Pròiseact nan Ealan agus Comhairle nan Eilean Siar, a’ cleachdadh sgriobt a sgrìobh na sgoilearan aig bùthan-obrach fo stiùir Chrisella Ros airson luchd-èisteachd sgoile. Tha caochladh charactaran, imcheistean agus car annasach sa sgriopt inntinneach, agus tha iad sin uile a’ toirt bunait làidir dhan phròiseict airson tòiseachadh.
Thathas a’ toirt cothrom deuchainne airson pàirt sa chluich dha daoine lem bu mhiann a bhith nan cleasaichean, seinneadairean is dannsairean ged nach deach dreuchdan a thaghadh fhathast. Tha na deuchainnean fosgailte dha sgoilearan sam bith air an 3mh – 6mh bliadhna ann an Sgoil MhicNeacail agus bidh iad a’ gabhail àite ann an Rùm nan Ealan Coimhearsnachd san Lanntair air Diardaoin 16mh Sultain eadar 4-6f agus a-rithist eadar 7-9f.
Gheibheir tuilleadh fiosrachadh a Marina air 01851 704493, no marina@gaelic-arts.com