Tha An Comunn Gàidhealach air ainmeachadh gur e Iain Moireasdan a ghabhas a-nall dreuchd an Àrd-oifigeir.
‘S ann à Nis ann an Leòdhas a tha Mgr Moireasdan (48) ged a tha e a’ fuireach le theaghlach ann am Broughty Ferry. Bidh e a’ tòiseachadh san dreuchd ùr a tha stèidhichte an Inbhirnis air 1 Iuchar 2008. Gu ruige seo bha Mgr Moireasdan an sàs ann an obair turasachd mar Mhanaidsear Ionmhas is Rianachd aig Bòrd Turasachd Mhachair Aonghais is Dhùn Dèagh.
Thuirt Ceann-suidhe a’ Chomuinn, Iain Macleòid “Tha sinn fìor thoilichte Iain Moireasdan fhaighinn mar Àrd-oifigear. Tha sinn a-nis a’ coimhead air adhart ri obair a’ Chomuinn tron Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus na Mòdan Ionadail a thoirt air adhart ann an co-bhoinn le ar luchd-obrach, buill a’ Chomuinn agus na prìomh bhuidhnean ann an Alba agus thall-thairis a tha a’ toirt taic dha na tachartasan sin. Tha Iain air a bhith an sàs gu saor-thoileach ann an obair leasachaidh na Gàidhlig air taobh an ear-dheas na h-Alba mar eagraiche ionadail agus mar bhritheamh Gàidhlig aig mòdan ionadail. A bharrachd air an sin tha e mion-eòlach air femalachdan a’ chànain agus mar as urrainn don Chomunn a bhith a’ cur ri obair leasachaidh na Gàidhlig tron Phlana Nàiseanta.”
Thuirt Mgr Moireasdan: “Tha mi gu mòr a’ coimhead air adhart ri bhith nam Àrd-oifigear air a’ Chomunn Ghàidhealaich. Tha mòran ri dhèanamh gus cothroman cleachdaidh ar cànan agus ar cultar a bhrosnachadh tro na Mòdan agus am measg