Ceann-là criochnachaidh airson Film G
November 15th 2010
Leis an ceann-là criochnachaidh airson Duaisean Film G 2010 a teannadh dlùth oirnn, tha sgoilearan bho air feadh na h-Eileanan Siar a’ cuir crìoch air na na fiolmaichean a tha iad a cur a-steach gu farpais na bliadhna seo.
Chuir MG ALBA Film G air bhog ann an 2008 le rùn tàlant a lorg ‘s a leasachadh às leth BBC ALBA, sianal didseatach na Gàidhlig. Nise anns an treas bliadhna tha am farpais air a dhol bho neart gu neart.
Tha Oifigear Leasachaidh na h-Ealain Gàidhlig air a bhith a’ sàs ann an trèanadh agus a tabhann taic do na sgoiltean as n-eileanan a tha air a bhith a’ gabhail pàirt ann am Film G 2010.
Tha Sgoil MhicNeacail, Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil, Sgoil Lionacleit agus Sgoil an Tairbeart air a bhith a’ cruthachadh na fiolmaichean goirid aca fhèin fo stiùir Iain F MacLeòid.
Tha na sgoilearan air a bhith a’ gabhail pàirt anns a h-uile ìre den phròiseas, bho bhith a’ tighinn suas le cuspair, gu sgrìobhadh, stiùireadh, clàradh, a’ nochdadh air beulaibh a’ chamara agus a’ gearradh na fiolmaichean ri-chèile.
An dèidh mòran soirbheachas anns an dà bhliadhna a chaidh seachad, thathar an dòchas gur e bliadhna soirbheachail eile a bhios ann do sgoiltean nan Eilean Siar anns am farpais chlìuiteach seo.
November 15th 2010