Mòd 08 san Eaglais Bhric a’ faighinn Àrdachadh Dùbailte !

Mòd 08 san Eaglais Bhric a’ faighinn Àrdachadh Dùbailte !

June 16th 2008

Tha Comataidh Mòd 2008 na h-Eaglaise Brice air àrdachadh maoineachaidh mòr dha-rìribh fhaighinn leis an naidheachd gu bheil comhairlichean na h-Eaglaise Brice air aontachadh tabhartas de £25,000 bho Maoin Maitheis Choitcheann na h-Eaglaise Brice a chur an aghaidh cosgaisean Iomall Mòd 08.

Thèid an t-airgead a chleachdadh airson tachartasan, ann am meadhan baile na h-Eaglaise Brice a chur air chois, leithid bùthan-obrach ciùil, bùthan-obrach cruthachail cloinne, taisbeanaidhean ealain, òraidean, ceòl beò ( ann an caochladh phubaichean air an t-Sràid Àrd) consairtean, tachartasan catharra (foillseachaidhean) geamannan camanachd, caismeachdan còmhlain pìobaireachd agus mòran eile, uile co-cheangailte ri cultar, cànan is ceòl na Gàidhlig.

A’ cur fàilte air an naidheachd, thuirt Neach-gairm Mòd 08 , an Comhairliche Aonghas Dòmhnallach: ‘Tha comataidh eagrachaidh ionadail Mòd 08 an-dràsta ag obair gu cruaidh le oifigearan na Comhairle airson prògram leudaichte Iomaill, a chomharraicheas na nithean as fheàrr a th’ ann an ceòl, cànan is cultar na Gàidhlig, a tharraing còmhla. ‘Tha sinn gu mòr an comain urrasairean Maoin Maitheis Choitcheann na h-Eaglaise Brice a th’ air a leithid de dh’àrdachadh a thoirt dhan chomataidh, nì a chuidicheas gus dèanamh cinnteach gum bi fìor dheagh Iomall againn agus Mòd cuimhneachail san Eaglais Bhric. ‘

Tha pubaichean is clubaichean oidhche ionadail mar thràth air ùidh mhòr a nochdadh ann a bhith a’ dol an sàs ann an Iomall Mòd 08.
Larach-lin - Mod Falkirk 2008

Dealbh - Mod Fringe 2008