Nòs Ùr

Nòs Ùr

June 13th 2008

Tha tiocaidean gan reic a-nis airson a’ chiad fharpais òrain ann an cànanan Ceilteach is Albais a tha gu bhith air a cumail sa Ghàidhealtachd mar phàirt de ghrunn fharpaisean roinneil air feadh na Roinn Eòrpa.

Tòisichidh a’ cho-fharpais aig 7:30f ann an Eden Court, Inbhir Nis air Disathairne 21 Ògmhios agus faodaidh daoine le ùidh ann an ceòl Ceilteach a dhol ann. Gheibhear air a faicinn cuideachd air làrach-lìn Nòs Ùr agus faodaidh daoine bhòtadh air an eadar-lìon no le teacsa.
làrach-lìn Nòs Ùr

Logo - Nos Ur