FÈIS BLAS A' CUR AIR BHOG CLÀR CULTURACH 2008

FÈIS BLAS A' CUR AIR BHOG CLÀR CULTURACH 2008

June 3rd 2008

Dealbh Feis Blas

'S e fìor àrd-ùrlar a bhios aig co-dhìù aon tachartas aig Fèis Blas na bliadhna sa. Tha an Fhèis Ghàidhlig is chiùil thraidiseanta as luaithe fàs anns an rìoghachd a' cur 45 tachartas air adhart air feadh na Gàidhealtachd ann an 2008, agus am measg nan àitichean sin, bidh plèana Cessna ag itealaich mu 3,000 troigh os cionn na roinne.

Eadar 5 agus 13 Sultain, bidh beartas de luchd-ciùil eadar-nàiseanta agus às an dùthaich seo fhèin a' gabhail pàirt anns an fhèis, le aon dhiubh sin a' cluich ann an suidheachadh gu math sònraichte - am broinn Cessna fo stiùir Sgoil Itealaich na Gàidhealtachd. Tro fharpais a tha an Fhèis air a bhith a' ruith, bidh cothrom aig neach fortanach air choireigin a bhith còmhla ri Brus MacGriogair anns a' phlèana, fhad 's a bhios am fìdhleir ainmeil ag innse mu eachdraidh ceòl na sgìre agus a' cluich port no dhà.

Tha iomadh tachartas tarraingeach eile air clàr na bliadhna sa, a tha ag adhartachadh taic na Fèise don Ghàidhlig agus na ceanglaichean le Ceap Breatainn. Nam measg sin bidh cuirm le sàr luchd-ciùil traidiseanta na h-Èireann, na Chieftains. Bidh an còmhlan, a tha air sia duaisean Grammy a chosnadh, agus le Paddy Moloney air an ceann, air an àrd-ùrlar còmhla ri aoighean mar na bràithrean lùth-chleasachd Pilatzke à Canada.

Am measg na feadhainn eile a bhios a' gabhail pàirt ann am Blas bidh dithis luchd-ciùil cho ainmeil 's a tha san dùthaich seo - Phil Coineagan agus Aly Bain. Bidh càraid a tha a cheart cho ainmeil nan dùthaich fhèin air àrd-ùrlar na fèise cuideachd – an seinneadair JP Cormier agus a bhean Hilda Chaisson à Eilean Cheap Breatainn.

A bharrachd orrasan cluinnear bhon chòmhlan Èireannach/Ameireaganach Cherish The Ladies, agus bho thàlant Albannach mar na Peatbog Faeries, Julie Fowlis, Alyth NicCarmaig agus Shooglenifty.

Thuirt Stiùiriche na Fèise, Donna NicRath, "Tha Fèis na bliadhna sa air leth "blasta". Ged nach eil an seo ach a' cheathramh bliadhna againn bidh sinn a lìbhrigeadh clàr de cheòl, Gàidhlig, biadh is bùthan-obrach a tha dha-rìreabh a' neartachadh na tha sinn a' cur ri dualchas na sgìre.

Tha "Blas" a' dèanamh moladh air a' Ghàidhealtachd agus a' toirt cothrom don choimhearsnachd tlachd fhaighinn à ceòl beò. Tha Bas cuideachd a' toirt cothrom do luchd-ciùil òga, gu h-àraidh òigridh nam Fèisean, oideachadh fhaighinn bho shàr luchd-ciùil traidiseanta. Mar thoiseach-tòiseachaidh bidh sinn a' ruith farpais mhìorbhaileach, a' toirt seachad 45 paidhir thiocaidean – dà thiocaid airson gach cuirm, agus gheibh aon neach an cothrom a dhol air chuairt anns a' Cessna. Tha sinn airson sealltainn cho eadar-dhealaichte agus fallain 's a tha dualchas na sgìre. Leis a' chlàr agus an fharpais, tha sinn a' dèanamh sin.

Chuir Ministear a' Chultar Linda Fabiani fàilte air clàr Blas 2008. "Tha an Riaghaltas seo a' cur taic ri beatha chultarach Albannach a tha air leth agus làidir – agus tha dualchas na Gàidhlig aig cridhe na cùise.

'S e Comhairle na Gàidhealtachd, ann an co-bhonn le Fèisean nan Gàidheal agus Promoters Arts Network, a dhealbhaich Fèis Blas. Mar a thuirt Sanndaidh Park, cathraiche na Comhairle: "Taobh a-staigh glè bheag de bhlaidhnaichean tha Blas air fàs gu bhith air aon de phrìomh thachartasan na Gàidhealtachd, 's e a' toirt dhuinn prògraman air leth a tha suidhichte gu làidir sna coimhearsnachdan Gàidhealach. Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh na fèise seo air iomadh adhbhar, nam measg a' bhuaidh a th' aice air gnothaichean eaconamach agus soisealta, an luach a tha i a' cur ann an òigridh na sgìre, agus an dòigh anns a bheilear a' togail inbhe na Gàidhlig. Tha Blas a' toirt cothrom don a h-uile duine a' Ghàidhealtachd a mholadh, agus tha sinn air leth toilichte ar taic a chur ris an iomairt sin."

Tha EventScotland air aon de phrìomh bhuidhnean-maoineachaidh na Fèise. A rèir Paul Bush, Àrd-oifigear Rianachd: "'S e cothrom air leth a tha ann am Prògram nan Tachartasan Sgìreil airson tachartasan a leithid Blas na h-amasan aca a thaobh leudachadh a ruighinn. Bha ìre nan tagraichean anns an t-sreath seo de mhaoineachadh gu math àrd, agus tha e a' sìor-fhàs nas doirbhe tachartasan a thaghadh. Tha e na thogail dhuinn gu bheil na buidhnean ann an Alba a tha an sàs ann an tachartasan airson cumail a' dol leis an leudachadh a chunnacas thairis air na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, agus tha sinn air leth toilichte gu bheil e comasach dhuinn taic a thoirt do dh'Fhèis Blas am-bliadhna.