Farpais Òrain Ùir airson an 70mh ceann-bliadhna de Mhòd Mhuile a chomharrachadh

Farpais Òrain Ùir airson an 70mh ceann-bliadhna de Mhòd Mhuile a chomharrachadh

June 19th 2008

Bidh Mòd Mhuile a’ comharrachadh an t-70mh ceann-bliadhna am-bliadhna. Airson an t-àm a chomharrachadh tha a’ chomataidh a’ cur Farpais Òrain Ùir - Òran Ùr do Mhuile - air chois.

An dèidh cho soirbheachail ‘s a bha tachartas 2-latha na bliadhna an-uiridh leanaidh an cruth seo le Clann ann an co-fharpaisean air Dihaoine 12 Sultain agus Inbhich air Disathairne 13 Sultain. Tha an clàr-obrach is na foirmean-inntrigidh agus na goireasan pàighidh rim faighinn air an làraich-lìn Mull Mod.

Bidh 4 roinnean ann am farpais an òrain ùir;

  • Roinn 1 – Clann (Fo 18) Ceòl ri na liricean a fhuairear

  • Roinn 2 – Inbhich (18+) Ceòl ri na liricean a fhuairear

  • Roinn 3 – Clann (Fo 18) Ceòl & liricean

  • Roinn 4 – Inbhich (18+) Ceòl & liricean

Tha a’ chomataidh air bàrdachd thraidiseanta a thoirt seachad airson dhà de na roinnean airson inntrigidhean a bhrosnachadh bho feadhainn nach eil, ‘s dòcha, fileanta sa chànan. Gheibhear na liricean, na h-eadar-theangachaidhean agus na faidhlichean fuaime air an làraich-lìn againn www.mullmod.org.uk.